Monday 21 May 2012

Fada Cus Cus

Dè a th’ ann an èalachas?  Nuair nach eil mi airson m’inntinn a chleachdadh ’s e telebhisean a chleachdainn.  Agus air telly os chionn greis an do mhothaich sibh gu bheil dìofar phrògraman air a bhith ann mu dheidhinn ‘hoarding’ - nuair a chruinneachas daoine fada cus stuth gun a bhith a’ toirt rudan air falbh. idir.   ‘Get your house in order’, ‘The hoarder next door’ agus ‘Obsessive Compulsive Hoarder’ trì dhiubh a tha a’ cuideachadh daoine a tha fon dhuilgheadas sin, agus gan toirt am follais luchd-amharc an dùthaich uile gu lèir.

A-rèir figearan sianal a ceithir, tha barrachd na millean ann am Breatainn aig a bheil Hoarding Disorder.  Mar aon a-mach à gach còig ann an Alba.  Tha mi daonnan air a bhith den bheachd gu bheil an àireannach mu thimicheall ort na dealbh de na tha dol taobh a-staigh an eanachainn agad.  Mar sin ‘s beag an t-iongadh gu bheil haorders, mar as àbhaist a’ fulang fo dhuilgheadasan inntinn eile.

’S tinneas dha-rìribh a th’ ann a thigeas an àird nuair nach eiler a’ dèiligeadh le na faireachdainn a th’ aca.  Mar as àbhaist thathar aonarachd, ach airson an fheadhainn aig a bheil clann, b’ urrainnear an caill ma tha an taigh ann an staing ro chunnartach.  Tha an àrainneachd aca gun fheum mar taigh- chan urrainear biadh a chòicearachd agus ma tha cho duilich sin, b’ urrainn gun tèid a mharbhadh san sgudal.

Ach chan e rud ùr a th’ ann an Hoarding.  Smaoinich air beathaichean a chruinneachas biadh thar a’ gheamraidh agus an robh fhios agaibh gu robh Hoarding Disorder aig sìobhaltas nan Ròmanaich.  Mus do ‘thuit’ Roma, chùmar buillion am falach.  (Cuimhnich nuair a rèic Gordon Brown an òr – uill ’s dòcha gu robh e eòlach air sgrìbhinn Tacitus agus nach robh còir againn gearain!)  Ach tha dìofar mòr eadar a bhith a’ cruinneachadh stuth a thig gu feum agus a bhith a’ cumail rudan a tha gu tùr gun fheum.

Agus ma tha tuilleadh ’s a chòir agaibh feumaidh tu ràdh ruibh fhèin; A bheil e gu feum?  Cuin a chleachd mi e mu dheireadh e?  Agus mur nach eil e feumail tilg air falbh e!  Bidh mi a’ sadail a-amach aodach a th’ agam fad na h-ùine ach seachd gur ann anns na bùithean-caithrinis a bhithinn gan ceannach tha mi an dùil gu bheil nas fhasa dhomh.  Ach a-rèir coltais, a nigheanan, tha ceithir pìosan aodaich againn uile sa phreas nach robh oirnn a-riamh..

’s dòcha gum bu chòir dhomh ràdh gu bheil ‘trioblaid’ no dhà agam ris a sin.  Uill chan chanainn-sa sin mum dheidhinn, ach nuair a fhuair mi fhèin is mo bhràmair àite còmhla bha rud no dha aige-san ri ràdh.  Mar eisimpleir bha dà phoit teatha agam  - fear lathail àbhaisteach agus fear eile eireachdail a chùm mi gu sònraichte agus a chleachdainn nuair a chuireadh mo charaidean cèilidh orm.  Ach oh no, cha robh esan toilichte leis a sin, agus seachd gu robh mi nas bu mheasaile air sna bha mi air a’ phoit, thug mi a’ phoit àlainn dha mo charaid.  Ach sa làimh eile bha sia botalan deug conditioner agam, barrachd na fichead botalan deodorant agus iomadh rudan eile.  Cheannaich mi iad nuair a bha ‘offer’ a’ dol, mar sin fhuair mi gach fear dhiubh leth phrìs.  Bha mise moiteil leis cho caomhnach ’s a bha mi, ach bha mo bhalach den bheachd gu robh mi às mo chiall!

Uill mar a chi sibh san dealbh tha fichead pìob uachdar fhiaclan am-meag iomadh rudan eile agam fhathast, ach cho fad 's a chùmas mi am falach iad am broinn bocsaichean am broinn preasa, chan eil cunnart ann.., a bheil?


No an e èalachas a tha sin?

No comments:

Post a Comment