Tuesday 29 May 2012

Clipper air a' Chluaidh




Tha mi air a bhith air bàta air iomadh àbhainn mu thimcheall Roinn Eòrpa.  bhon Liffey agus an Thames againn, gus an Salzach agus an Seine.  Chaidh mi a-null a dh’Àisia air a’ Bhosphorus, agus chaidh mi air an Danube bho Bhienna gu ruige Bratislava.  Gabh mi dìnnear air bàta air àbhainn Vlatva agus snàmh mi sa Rhine.

Ach airson a’ chiad turas an-dè, ghabh mi cuairt air bàta air àbhainn Chluaidh anns a’ bhaile far a bheil mi fhèin a’ fuireach.  Thathar a’ ruith cuairtean fad na h-ùine eadar Braehead agus meadhan a’ bhaile aig Broomielaw.  Tha an aon theaghach air a bhith a’ ruith nam bàtaichean fad 90 bliadhna, ach cha chuala mi a-riamh man deidhinn.  
                                   
ThaBroomielaw tuilichte nar cùltar agus gu sònraichte ann an cùltar nan Gàidheal oir ’s ann an-siud a thàinig na truaghan; “they come down to wretched villages leaving their native place, are at length landed at the broomielaw, where they are left without labour and work.”  Anns an 19mh linn thàinig mìltean de dhaoine a Ghlaschu gus obair fhaighinn a thàinig às an Tionndadh Gnìomhachais agus b’ e Thomas Telford an duine a dhealbh cidhe Broomielaw gus an urrainn dha na bàtaichean-smùid a ghiùlan.

B’ àbhaist dhan àite a bhith loma-làn de bhàtaichean-smùid a bha a’ toirt muinntir Ghlaschu ‘doon the watter’.  Tha a Bhroomielaw a’ nochdadh ann an òrain Albanais mar ‘The Bleacher Lassie of Kelvinhaugh’ agus ‘Who saw the 42nd’ agus ‘The Song of the Clyde; “There's Paw an' Maw at Glasgow Broomielaw. / Goin' doon the water for The Fair.”  Thuirt tè a bha sa bhàta còmhla ruinn gum b’ àbhaist don Chluaidh a bhith iomadh-dhathe nuair a bha ise òg - dearg no gorm no uaine no buidhe a-rèir de sheòrsa ‘dye’ a bha na Bleachers a’ cleachdadh aig an àm.

Agus tha Broomielaw a’ nochdadh anns na h-òrain Ghàidhlig mar ‘Mo ghruagach dhonn’ nuair a tha an sgrìobhadair an dùil ris a leannan fhaicinn;
Nuair a leugh mi mar a bha,
Ghabh mi sìos am Brumalà:
Chunnaic mi a’ tighinn am bàt’
’S an t‑àilleagan, an ainnir, innt’.



Ach chan ann dìreach don fheadhainn a bha a’ tighinn chun a’ bhaile a bhathar ann am Broomielaw, ach an fheadhainn a bha a’ fàgail cuideachd.  Anns an òran ‘Cuir Culaibh ri Asainte’ tha an òranaiche a’ dol tro Bhroomielaw gu ruige Canada;
Disathairne rinn sinn seòladh
Bho’n Broomielaw ‘n Glaschu
Measg treubhan dheth gach seòrsa
Air bòrd ‘n “Southwark” Shasunnach.



Mar a rinn mu fhichead mìle Gàidheal eile, chaidh mo theaghlach fhèin a-nuas chun bhaile seo.  Bha iad air an Eilean Sgitheanach ann an 1891 agus an uair sin dh’fhàg mo shin-sheanair Murdo Ferguson oir phòs e Peggy Gordon ann an Glaschu ann an 1902.  Bha athair dha na ‘Quarry Worker’ agus bha athair Phèigi na ‘Clyde Trust Labourer’ mar a bha tòrr de na Gàidheil air am fastadh anns na gàrraidhean-shoithich.

Rugadh piuthar mo sheanair Mòrag ann an 1904, mo sheanair Dòmhnall ann an 1905, agus Jonny 1907 anns an taigh aca aig 39 Smith Street, Govanhill, ach rugadh Murdo air ais ann an Crepkill ann an 1917.  S mar sin feumaidh nach nach do chòrd e riubha is thill iad air ais chun eilein Sgitheanaich.  Chan eil mòran fianais ann a tha ag innse dhomh dè seòrsa beatha a bh’aca ach tha thuirt mo mhàthair gu robh bùth aca agus gun do chluich mo shin-sheanair airson sgioba iomain an Eilein Sgitheanaich.

Saoil dè smaoinich iad nuair a dh’fhàg iad, chan eil fhios dè cho fad is a bha iad ann, eadar còig no còig deug bliadhna, an do dh' fhàs iad measail air a’ bhaile far an d’rinn iad dachaidh ùr dhaibh fhèin.  Cha robh iad a' fuireach ach mìle air falbh bhon a’ Chluaidh agus ’s e an àbhainn a thug obair dhaibh.  An robh iad nam ball de chomainn Gàidhealach, no còisirean no an robh iad mì-thoilichte ann?  Chan eil freagairt agam ach le cinnt ’s e àbhainn Cluaidh a thug ann iad agus a thug air falbh dachaidh iad.



Monday 21 May 2012

Fada Cus Cus

Dè a th’ ann an èalachas?  Nuair nach eil mi airson m’inntinn a chleachdadh ’s e telebhisean a chleachdainn.  Agus air telly os chionn greis an do mhothaich sibh gu bheil dìofar phrògraman air a bhith ann mu dheidhinn ‘hoarding’ - nuair a chruinneachas daoine fada cus stuth gun a bhith a’ toirt rudan air falbh. idir.   ‘Get your house in order’, ‘The hoarder next door’ agus ‘Obsessive Compulsive Hoarder’ trì dhiubh a tha a’ cuideachadh daoine a tha fon dhuilgheadas sin, agus gan toirt am follais luchd-amharc an dùthaich uile gu lèir.

A-rèir figearan sianal a ceithir, tha barrachd na millean ann am Breatainn aig a bheil Hoarding Disorder.  Mar aon a-mach à gach còig ann an Alba.  Tha mi daonnan air a bhith den bheachd gu bheil an àireannach mu thimicheall ort na dealbh de na tha dol taobh a-staigh an eanachainn agad.  Mar sin ‘s beag an t-iongadh gu bheil haorders, mar as àbhaist a’ fulang fo dhuilgheadasan inntinn eile.

’S tinneas dha-rìribh a th’ ann a thigeas an àird nuair nach eiler a’ dèiligeadh le na faireachdainn a th’ aca.  Mar as àbhaist thathar aonarachd, ach airson an fheadhainn aig a bheil clann, b’ urrainnear an caill ma tha an taigh ann an staing ro chunnartach.  Tha an àrainneachd aca gun fheum mar taigh- chan urrainear biadh a chòicearachd agus ma tha cho duilich sin, b’ urrainn gun tèid a mharbhadh san sgudal.

Ach chan e rud ùr a th’ ann an Hoarding.  Smaoinich air beathaichean a chruinneachas biadh thar a’ gheamraidh agus an robh fhios agaibh gu robh Hoarding Disorder aig sìobhaltas nan Ròmanaich.  Mus do ‘thuit’ Roma, chùmar buillion am falach.  (Cuimhnich nuair a rèic Gordon Brown an òr – uill ’s dòcha gu robh e eòlach air sgrìbhinn Tacitus agus nach robh còir againn gearain!)  Ach tha dìofar mòr eadar a bhith a’ cruinneachadh stuth a thig gu feum agus a bhith a’ cumail rudan a tha gu tùr gun fheum.

Agus ma tha tuilleadh ’s a chòir agaibh feumaidh tu ràdh ruibh fhèin; A bheil e gu feum?  Cuin a chleachd mi e mu dheireadh e?  Agus mur nach eil e feumail tilg air falbh e!  Bidh mi a’ sadail a-amach aodach a th’ agam fad na h-ùine ach seachd gur ann anns na bùithean-caithrinis a bhithinn gan ceannach tha mi an dùil gu bheil nas fhasa dhomh.  Ach a-rèir coltais, a nigheanan, tha ceithir pìosan aodaich againn uile sa phreas nach robh oirnn a-riamh..

’s dòcha gum bu chòir dhomh ràdh gu bheil ‘trioblaid’ no dhà agam ris a sin.  Uill chan chanainn-sa sin mum dheidhinn, ach nuair a fhuair mi fhèin is mo bhràmair àite còmhla bha rud no dha aige-san ri ràdh.  Mar eisimpleir bha dà phoit teatha agam  - fear lathail àbhaisteach agus fear eile eireachdail a chùm mi gu sònraichte agus a chleachdainn nuair a chuireadh mo charaidean cèilidh orm.  Ach oh no, cha robh esan toilichte leis a sin, agus seachd gu robh mi nas bu mheasaile air sna bha mi air a’ phoit, thug mi a’ phoit àlainn dha mo charaid.  Ach sa làimh eile bha sia botalan deug conditioner agam, barrachd na fichead botalan deodorant agus iomadh rudan eile.  Cheannaich mi iad nuair a bha ‘offer’ a’ dol, mar sin fhuair mi gach fear dhiubh leth phrìs.  Bha mise moiteil leis cho caomhnach ’s a bha mi, ach bha mo bhalach den bheachd gu robh mi às mo chiall!

Uill mar a chi sibh san dealbh tha fichead pìob uachdar fhiaclan am-meag iomadh rudan eile agam fhathast, ach cho fad 's a chùmas mi am falach iad am broinn bocsaichean am broinn preasa, chan eil cunnart ann.., a bheil?


No an e èalachas a tha sin?

Monday 23 April 2012

Oidhche nan Leabhraichean


Air an latha a rugadh agus a chaochail Uilleam Shakespeare...
Nach eil e truagh gun fheumar tachartas mar sin a chuir air dòigh.. gu bheil aonan a-mach à gach sianar a’ fulang fo dhuilgheadasan sgrìobhaidh agus leubhaigh ann am Breatainn.  Mur nach cuala sibh ma dheidhinn, aig an ìre as bunaiteache, tha oidhche nan leabhraichean gus leughadh a bhrosnachadh.  Thathar a’ toirt leabhraichean seachad gu saor is an asgaidh do dhaoine aig nach eil cothroman no ùidh ann an litricheas.

Feumaidh mi ri ràdh gu bheil an smuain seo gu math neònach dhomh.  Feumaidh mi mo thaing a thoirt dha mo phàrantan airson mi fhèin is mo bhràithrean a thoirt dhan leabharlann iondail againn gach seachdain agus ar brosnachadh gus a bhith a’ leughadh.  Tha cuimhne agam air na leasanan a thug m’ athair dhomh, b’ àbhaist e faclan fada a bhristeadh gus an urrainn dhomh an leughadh. Croc-o-dile, cha chuireadh e an uiread de dh’eagal orm nuair a bha a làmhan mòra treun gan geàrradh.  Thug e seachad ùine còmhla rium gus an urrainn dhomh m’ ainm (a tha fada) a sgrìobhadh mus deach mi dhan sgoil.

Ach ’s ann airson an fheadhainn aig nach robh pàrantan taiceil a tha an gniomhachas oidhche nan leabhraichean.  Thathar a’ toirt leabhraichean san coimhearsnachdan mar dha prìosanaich.  An-uiridh sgaoil iad seachd mìle leabhraichean agus am bliadhna thathar an dùil 70,000 leabhraichean a thoirt do phrìosanaich.  B’ e ‘The Curious Incident of the Dog in the Night-Time’ le Mark Haddon an leabhar bho 2003 a thaghadh a’ mhòr chuid dhiubh.  ’S e leabhar a th’ ann a tha tarraingeach do dh’inibheach agus do chlann a tha air an sgrìobhadh bho shealladh bhalach le Aspergers.  Anns na prìosanan bha dlùth- faireachdainn air an cruthachadh eadar soighlearan agus prìosanaich air sàileaibh ’s gun deach iad uile air an slighe còmhla.  Airson a’ chiad turas bha eòlas eadarra.

Sa mhadainn-sa, chuir mi crìoch air leabhar le Alexander Masters ‘Stuart; a life backwards’ a bha a’ toirt dhomh sùil a-steach do bheatha gu tùr eadar-dhealtaichte bhuam fhèin.  Fear a bha sa phrìosan iomadh uair na bheatha chruaidh.  Cha robh comasan litrichidh aige 'don't you ever even look at a book?' ach às dèidh a bhàs chaidh leabhar tarraingeach soirbheachdail a sgrìobhadh ma dheidhinn.

Cò nach biodh airson blas fhaighinn de shaoghal duine eile; a dhol air sgrìob gu Lilliput no a bhith a’ faireachdainn gaol no pian cho làidir, no a bhith a’ gàireachdainn gus an tig na deòir.  (an do leugh sibh ‘When god was a rabbit’? bha na deòir a’ sruthadh fom shùilean bha e cho èibhinn!)


Dè rinn mise a-nochd? chaidh mise gu taisbeanadh le Alison Lang, an sgrìobhaiche as fheàrr leam anns a’ Ghàidhlig agus dh’èist mi rithe a’ bruidhinn mun leabhar ùr aice ‘San dùthaich ùir.’  Mur nach do leugh sibh ‘Cainnt nan caileagan caillte’ tha sibhse air tòrr a chaill!  Sgrìobhadh cruthachail, ealanta aice air iomadh chuspair deatamach nach fhaicear a-riamh tro mheadhann na Gàidhlig.

Sunday 15 April 2012

Dìleab na Luinge

“True heroism is remarkably sober, very undramatic. It is not the urge to surpass all others at whatever cost, but the urge to serve others at whatever cost."
— Arthur Ashe, American tennis champion (1943-1993).
Thathar a’ comharrachadh ceud bliadhna on a chaidh an long mhòr an Titanic fodha anns a’ Chuan Mhòr ann an 1912.  Fad ginealaichean tha mìltean de dhaoine air a bhith air am beò glachadh leis an tachartas mòr tàmailteach a bha sin.  Thog e m’ inntinn-sa nuair a bha mi fhèin nam dheugair nuair a thàinig am fiolm ainmeil le Leonardo DiCaprio a-mach.  Cha b’ e mi fhìn nam aonar a chunnaic e ochd turas san taigh-dealbh.  Ged a chosg e dà mhillion not, gu ruige 2010 bha Titanic am fiolm a thog an uidhir as motha de dh’airgead a-riamh; barrachd na dà bhillion.

Tha fairdeachdainn fhathast làidir airson tachartas a thachair os chionn ceud bliadhna, ann an linn eadar-dhealaichte, linn nan Eidardach.  Aig àm mus do chuir a’ chiad chogaidh mhòr buaidh air an t-sluaigh, àm nuair nach robh guth-taghaidh aig a’ mhòr chuid agus nuair a bha luach am beatha a’ crochadadh air dè seòrsa tiocaid a bha nan làimhe.

Tha fios againn uile air an riaghailt 'boirreannaich agus clann an toiseachd' ach mar a thachair e, 's iad a chaidh an sàbhladh a-mhàin.  A dh’ aindeoin sin chaill 52 clann agus 89 boirreanaich den treasamh buidheann nam beatha, agus dìreach aon nighean as a’ chiad bhuidheann agus ceithir boirreanaich.   Ach bha cùisean gu tùr na bu dhubhaiche do fir.  Chaill 118 fir às a’ chiad bhuidheann am beatha, ach 387 às an treasamh bhuidheann.  Tha na figearan ag innse dhuinn a dh’ aindeoin na riaghltean, mar a bu bheartaiche a bha thu, b’ ann na b' fheàrr a bha na cothroman agad fhaighinn air bàta-sàbhlaidh.  Bha e na b’ fhèarr do bhoirreanaich anns a’ chriù, bha 23 boirreanaich ag obair air Titanic agus bha fichead dhuibh air an sàbhladh.  Ach airson an sgioba uile gu lèir- a-mach à 885 anns a’ chriù, cha do thill ach 214.  Chaidh a’ mhòr chuid aca sìos leis an long.  Bha iad uile reòdhte sa mhuir agus dh’fhalbh iad leis a’ mheilichis.
Ach cha do stad an sgaradh an sin.  Chuir an White Star Line ceithir bàtaichean a-mach bho Chanada gus corpan a lorg, ach cha do bhalmaich iad ach an fheadhainn às a’ chiad bhuidheann a-mhàin, thiodhlaic iad an fheadhainn eile sa mhuir fhèin.  Thuirtar gu robh barrachd feum air corpan fhaighinn den fheadhainn a bha sa chiad bhuidheann gus òrdugh a chumail air an tighearnas aca.  Agus nuair a chaidh sgrùdadh a dhèanamh air an tachartas ann an lunainn leis a’ Mhorar Mersey, cha do dh’èist iad ach ri triùir luchd-siubhal, triùir às a’ chiad bhuidheann.  Leis a sin, ’s beag an dùil gu robhar den bheachd nach cuirear bacadh air muinntir às an treasamh buidheann fhaighinn a-mach às a’ bhàta gu sàbhailte.. 
Ach a-mach às an dorchadas, thathar a’ faighinn sgeulachdan mhìorbhaileachd iongantach mu spiorad an daoine.  Tha sgeul ainmeil mun a’ chomhlan-ciùil a chùm a’ dol a chluich nuair a bhathar a' lìonadh nam bàtaichean-sàbhlaidh.  Is iad nam martarachdan, a’ cumail a’ dol gun a bhith a’ smaoineachadh orra fhèin.  Mar a bha Father Thomas B. Byles, dhùilt e àite air bàta-sàbhlaidh agus chùm e air a’ searmanachadh do dhaoine sam bith a chluinneadh ris – Caitligeach, Pròsdanaich agus Ìudhaich nam measg, a’ toirt maitheanas, agus sìth dhaibh uile chun a’ mhionaid mu dheireadh.
Agus tha sgeulachd iongantach a tha a’ buintinn ris a’ bhaile mhòr Ghlaschu.  Rugadh John Harper ann an 1872 ann an Houston, Renfrewshire.  Tha e air a shlighe a dhèanamh gu Chicago gus searmanachadh anns an eagalis Moody.  Thathar air a’ ràdh gun d’thug e a nighean Nina Harper agus nighean a phiuthar Jessie Leitch ann am bàta-sàbhlaidh agus chuir e a chùl riutha. Aig deireadh a latha bha e airson obair Dhè a dhèanamh.  Nuair a bha e sa mhuir, dh’fhaighneachd e do dhaoine – "a bheil Iosd nad chridhe?"  Fhreagair aon fhear nach robh agus thug Harper an seachaid-sàbhlaidh aige dha.  Thuirt e gu robh barrachd feum aige air.  Tha fios againn air a sin oir bha an duine a fhuair seachaid Harper fear de na sheachdar de dhaoine a thog a’ choigeamh Oifigear Harold Howe a-mach às a’ mhuir.  B' esan os cionn an aon bhàta a chaidh air ais gus daoine a shàbhladh.

Agus dè a tha dìleab na luinge?  Dh’ ionnsaich an t-saoghal leasanan teannasach bho Titanic.  Ged a bha mu 2,200 muinntir air a’ bhàta, cha robh àite anns an fhichead bàtaichean-sàbhlaidh ach airson mìle daoine.  Às dèidh an Titanic thàinig riaghltean ùra gu buil ann an 1914 ag ràdh gun fheumadh àiteachan gu leòr a bhith ann airson a h-uile.  Is sin cho bunaiteach is a ghabhas.  Bhon uair sin fheumadh comas-conaltraidh a bhith ann fad an latha agus fad na h-oidhche, on a chaidh fear-contaltraidh air S.S Californian dha leabaidh dìreach deich mionaidean mus do bhuil Titanic a’ bheinn-dheighe.  Ged a thog an Titanic mu dheich rocaidean san adhar agus chunnaic muinntir an S.S Californian ochd dhiubh, cha do thuig iad gur ann ann an èiginn a bha an Titanic.  A-nis ’s e rocaidean dearga a cleachar airson fios a thoirt seachad gu bheileir ann an staing. 

Leis a sin, feumaidh gu bheil e nas sàbhailte a bhith aig muir an-diugh, ach leis mar a chaidh an Costa Concordia fodha (no fiù’s gu aon taobh) aig toiseach a’ bhliadhna, nuair a chaill barrachd na trichead daoine nam beatha, chan eil cho rèidh sa bhiodhar an dùil.  Ach dè chaill mac an daoine anns na bliadhnaichean bhon a chaidh an Titanic fodha?  A-rèir luchd-siubhail air an Concordia cha robh smachd ann, bhathar a’ bualadh a chèile gus fhaighinn air fear de na bàtaichean-sàbhlaidh a bha ann am paillteas, ach air sàileibh ’s gu robh an long gu mòr gu aon taobh, cha robh leth chuid dhiubh gu feum.  Ged cho glic ’s a tha na h-innealan a th’ againn, ged a ghabh sinn ceum air a’ ghealaich, agus gun as urrainn dhuinn mac-samhlachadh a dhèanamh air an nàdar againn fhìn, nuair a thig e gu bhith aig muir, cha deach leasachadh a dhèanamh air dealabhadh nam bàtaichean-sàbhalidh.

Tha Titanic a' toirt nar cuimhne nach eil e gu dìofar de seòrsa smachd a th' aig mac an duine air an t-saoghal, gu b’ e dè seòrsa cuachd a chruthas sinn, gu b' e na h-innealan glic a thogas daoine.. tha cuamhachdan nas treasa ann a ghabhas làmh an uachdar.

Monday 12 March 2012

Alexander McCall Smith

Uill, cò chunnaic mi a-nochd aig an Fhèis Leabhraichean Glaschu ‘Aye Write’ ach as sgrìobhaiche as fheàrr leam; Alexander McCall Smith.  Cha mhòr nach eil mi air gach leabhar aige a leughadh, ach an fheadhainn mun leigheas, oir ged a ’s e sgrìobhadair as ainmeil a th’ againn ann an Alba a th' ann an AMS, bha e na fear-leigheas na b’ òige.  Fear uasal, èibhinn geur a th’ ann, cha mhòr nach robh esan a’ gàireachdainn fad na h-ùine.      

A bheil sibh air na leabhraichean aige a leughadh idir? Mur nach eil, mholainn-sa gu mòr iad.   Bidh mi fhèin agus m’ athair gan leughadh, agus chan ann tric a gheibhear leabhar a chuireadh gàire aig fear thar trì fichead agus tè sna ficheadan.  Tha AMS aig an aon aois ’s a tha m’ athair.  Tha sin dìreach aon de na rudan annasach a dh’ionnsaich mi ma dheidhinn a-nochd.  Bidh e a’ sgrìobhadh sia leabhraichean gach bliadhna (sia!), smaoinich air sin, feumaidh gu bheil e ag obair fad na h-ùine.  Tha barrachd na trithead leabhraichean aige sna trì sreathtan as motha aige; Scotland Street, Mna Ramotswe agus Isabeal Dalhousie, ach tha tòrr a bharrachd aige anns na streathan beaga eile.  B’ ann mu dheidhinn Scotland Street a bha e a’ bruidhinn a-nochd ged-thà, cha robh e an dùil sin a dhèanamh ach ’s ann mar sin a thachair e, oir is iad an fheadhainn as ainmeile.
           Dh’innis e dhuinn iomadh sgeulachd èibhinn mu na litrichean neònach a fhuaireadh e bhon luchd-leughaidh aige.   Nuair a chaidh Cyrill a’ chù aig Angus Lordie a ghoid fhuair e litririchean a bha a’ faighneachd às a dhèidh; an robh e a’ faighinn biadh agus uisge gu leòr? an robh e glaiste am broinn taighe no a-mach air udalan.  Bha AMS ag aideachadh gu robh cumhachd aige mar sheòrsa de dhia; b’ urrainn dha beatha nan caractaran aige atharrachadh, mar as urrainn do sgrìobhadaire sam bith ach abair luchd-leantainn oscarach a th’ aige.

      Ged as ann à Dùn Èideann a tha Scotland Street and Isabeal Dalhousie stèichte, tha iad a-nis rim faighinn ann an trithead cànain eile- Latvian agus Norweigan na leithid.  Mar sin tha e a’ toirt cùltar na h-Alba fad is farsuing mun t-saoghal.  Ach ged as e Albannach a th’ ann an AMS, cha chreideadh tu sin nuair a bhios tu ag èisteach ris - abair blas làdair Sassanach a th’ aige!  Rugadh agus thogadh e ann an Zimbabwe agus ’s e sin a thug orm cèist a fhaighneachd aig an deireadh; “Ann an oirbh fhèin a tha an charactar Bertie stèichte?  An robh ur màthair-sa cho cruaidh sin oirbh?”

     "Chan e idir agus cha robh, gu fortunach" thuirt e, "ach nach eil sinn uile, ann an dòidh mar Bhertie? tha sinn uile a' sireadh rudeigin a tha a dhith oirnn nar beatha."

Thursday 8 March 2012

Carson? carson nach eil!?

Bidh daoine tric a’ faighneachd dhìom ‘carson’ a bhios mi ris a' Ghàidhlig.. CarsonCarson nach eil, nach sin a’ cheist!  Ach ’s e an fhìrinn gu bheil Gàidhlig mar phàirt annam, pàirt nach deach thugam, oir cha deach mo bhogadh ann ged a bha i mun chuairt orm a-riamh..  Tha deagh chuimhne agam air mo sheanmhair, tè ghaolach a bha a’ dèanamh do dhaoine eile fad a beatha.  Cha robh mi ach naoi nuair a chaochail i agus anns na bliadhanichean mu dheireadh cha robh a h-inntinn ag obair gu ceart, mar sin, cha robh air fhàgail na ceann ach Gàidhlig agus cha robh agam – tè bheag sa bhaile mhòr Dhùn Èideann - ach glè bheag de Ghàidhlig.
            Ach na cuimhnichean, tha cuimhne agam nuair a b’ àbhaist i a bhith a’ fuireach còmhla ruinn agus gum bithinn a’ dol sìos chun leabaidh aicese gus cuddles fhaighinn tron oidhche.  Abair gu robh sinn dlùth ri chèile.  Am fàileadh cho snog a bh’ oirre, a h-aodann a bha làn de ghràis agus gaol, agus na facil; a’ ghaol, gaolag, gaol beag, isht a’ ghaol.  
Bha mo mhàthair daonnan a’ tagairt nach robh Gàidhlig gu fileanta aice, ach nuair nach robh a teaghlach comasach Buerla a bhruidhinn, dè thachair an uair sin ach nach i a bha làn cinn dheth!  Abair gu robh mise feargach, ach cha do stad e an uair sin.  Bha piuthar mo sheanair, Auntie Mòrag, tè thapaidh, shatail, le làmhan crùbte dubha, bha ise trì bliadhna air cheud nuair a dh’fhalbh i agus a’ fuireach na taigh fhèin, san dearbh chroit far an deach a togail.  Is cinnteach gu robh sinne mar chlann à saoghail eile dhi.  Abair call, abair tàmailt nach robh mi comasach a’ conaltradh riutha agus ris na ginealachan eile a bh’ ann rompha.
Co-dhiù, bha mise fichead is a h-aon bliadhna a dh’aois nuair a thàinig mi a Ghlaschu gus Gàidhlig a togail gu ceart mu dheireadh thall, agus ’s ann an uair sin a tha an sgeul againn a thòiseachadh.