Monday 23 April 2012

Oidhche nan Leabhraichean


Air an latha a rugadh agus a chaochail Uilleam Shakespeare...
Nach eil e truagh gun fheumar tachartas mar sin a chuir air dòigh.. gu bheil aonan a-mach à gach sianar a’ fulang fo dhuilgheadasan sgrìobhaidh agus leubhaigh ann am Breatainn.  Mur nach cuala sibh ma dheidhinn, aig an ìre as bunaiteache, tha oidhche nan leabhraichean gus leughadh a bhrosnachadh.  Thathar a’ toirt leabhraichean seachad gu saor is an asgaidh do dhaoine aig nach eil cothroman no ùidh ann an litricheas.

Feumaidh mi ri ràdh gu bheil an smuain seo gu math neònach dhomh.  Feumaidh mi mo thaing a thoirt dha mo phàrantan airson mi fhèin is mo bhràithrean a thoirt dhan leabharlann iondail againn gach seachdain agus ar brosnachadh gus a bhith a’ leughadh.  Tha cuimhne agam air na leasanan a thug m’ athair dhomh, b’ àbhaist e faclan fada a bhristeadh gus an urrainn dhomh an leughadh. Croc-o-dile, cha chuireadh e an uiread de dh’eagal orm nuair a bha a làmhan mòra treun gan geàrradh.  Thug e seachad ùine còmhla rium gus an urrainn dhomh m’ ainm (a tha fada) a sgrìobhadh mus deach mi dhan sgoil.

Ach ’s ann airson an fheadhainn aig nach robh pàrantan taiceil a tha an gniomhachas oidhche nan leabhraichean.  Thathar a’ toirt leabhraichean san coimhearsnachdan mar dha prìosanaich.  An-uiridh sgaoil iad seachd mìle leabhraichean agus am bliadhna thathar an dùil 70,000 leabhraichean a thoirt do phrìosanaich.  B’ e ‘The Curious Incident of the Dog in the Night-Time’ le Mark Haddon an leabhar bho 2003 a thaghadh a’ mhòr chuid dhiubh.  ’S e leabhar a th’ ann a tha tarraingeach do dh’inibheach agus do chlann a tha air an sgrìobhadh bho shealladh bhalach le Aspergers.  Anns na prìosanan bha dlùth- faireachdainn air an cruthachadh eadar soighlearan agus prìosanaich air sàileaibh ’s gun deach iad uile air an slighe còmhla.  Airson a’ chiad turas bha eòlas eadarra.

Sa mhadainn-sa, chuir mi crìoch air leabhar le Alexander Masters ‘Stuart; a life backwards’ a bha a’ toirt dhomh sùil a-steach do bheatha gu tùr eadar-dhealtaichte bhuam fhèin.  Fear a bha sa phrìosan iomadh uair na bheatha chruaidh.  Cha robh comasan litrichidh aige 'don't you ever even look at a book?' ach às dèidh a bhàs chaidh leabhar tarraingeach soirbheachdail a sgrìobhadh ma dheidhinn.

Cò nach biodh airson blas fhaighinn de shaoghal duine eile; a dhol air sgrìob gu Lilliput no a bhith a’ faireachdainn gaol no pian cho làidir, no a bhith a’ gàireachdainn gus an tig na deòir.  (an do leugh sibh ‘When god was a rabbit’? bha na deòir a’ sruthadh fom shùilean bha e cho èibhinn!)


Dè rinn mise a-nochd? chaidh mise gu taisbeanadh le Alison Lang, an sgrìobhaiche as fheàrr leam anns a’ Ghàidhlig agus dh’èist mi rithe a’ bruidhinn mun leabhar ùr aice ‘San dùthaich ùir.’  Mur nach do leugh sibh ‘Cainnt nan caileagan caillte’ tha sibhse air tòrr a chaill!  Sgrìobhadh cruthachail, ealanta aice air iomadh chuspair deatamach nach fhaicear a-riamh tro mheadhann na Gàidhlig.

Sunday 15 April 2012

Dìleab na Luinge

“True heroism is remarkably sober, very undramatic. It is not the urge to surpass all others at whatever cost, but the urge to serve others at whatever cost."
— Arthur Ashe, American tennis champion (1943-1993).
Thathar a’ comharrachadh ceud bliadhna on a chaidh an long mhòr an Titanic fodha anns a’ Chuan Mhòr ann an 1912.  Fad ginealaichean tha mìltean de dhaoine air a bhith air am beò glachadh leis an tachartas mòr tàmailteach a bha sin.  Thog e m’ inntinn-sa nuair a bha mi fhèin nam dheugair nuair a thàinig am fiolm ainmeil le Leonardo DiCaprio a-mach.  Cha b’ e mi fhìn nam aonar a chunnaic e ochd turas san taigh-dealbh.  Ged a chosg e dà mhillion not, gu ruige 2010 bha Titanic am fiolm a thog an uidhir as motha de dh’airgead a-riamh; barrachd na dà bhillion.

Tha fairdeachdainn fhathast làidir airson tachartas a thachair os chionn ceud bliadhna, ann an linn eadar-dhealaichte, linn nan Eidardach.  Aig àm mus do chuir a’ chiad chogaidh mhòr buaidh air an t-sluaigh, àm nuair nach robh guth-taghaidh aig a’ mhòr chuid agus nuair a bha luach am beatha a’ crochadadh air dè seòrsa tiocaid a bha nan làimhe.

Tha fios againn uile air an riaghailt 'boirreannaich agus clann an toiseachd' ach mar a thachair e, 's iad a chaidh an sàbhladh a-mhàin.  A dh’ aindeoin sin chaill 52 clann agus 89 boirreanaich den treasamh buidheann nam beatha, agus dìreach aon nighean as a’ chiad bhuidheann agus ceithir boirreanaich.   Ach bha cùisean gu tùr na bu dhubhaiche do fir.  Chaill 118 fir às a’ chiad bhuidheann am beatha, ach 387 às an treasamh bhuidheann.  Tha na figearan ag innse dhuinn a dh’ aindeoin na riaghltean, mar a bu bheartaiche a bha thu, b’ ann na b' fheàrr a bha na cothroman agad fhaighinn air bàta-sàbhlaidh.  Bha e na b’ fhèarr do bhoirreanaich anns a’ chriù, bha 23 boirreanaich ag obair air Titanic agus bha fichead dhuibh air an sàbhladh.  Ach airson an sgioba uile gu lèir- a-mach à 885 anns a’ chriù, cha do thill ach 214.  Chaidh a’ mhòr chuid aca sìos leis an long.  Bha iad uile reòdhte sa mhuir agus dh’fhalbh iad leis a’ mheilichis.
Ach cha do stad an sgaradh an sin.  Chuir an White Star Line ceithir bàtaichean a-mach bho Chanada gus corpan a lorg, ach cha do bhalmaich iad ach an fheadhainn às a’ chiad bhuidheann a-mhàin, thiodhlaic iad an fheadhainn eile sa mhuir fhèin.  Thuirtar gu robh barrachd feum air corpan fhaighinn den fheadhainn a bha sa chiad bhuidheann gus òrdugh a chumail air an tighearnas aca.  Agus nuair a chaidh sgrùdadh a dhèanamh air an tachartas ann an lunainn leis a’ Mhorar Mersey, cha do dh’èist iad ach ri triùir luchd-siubhal, triùir às a’ chiad bhuidheann.  Leis a sin, ’s beag an dùil gu robhar den bheachd nach cuirear bacadh air muinntir às an treasamh buidheann fhaighinn a-mach às a’ bhàta gu sàbhailte.. 
Ach a-mach às an dorchadas, thathar a’ faighinn sgeulachdan mhìorbhaileachd iongantach mu spiorad an daoine.  Tha sgeul ainmeil mun a’ chomhlan-ciùil a chùm a’ dol a chluich nuair a bhathar a' lìonadh nam bàtaichean-sàbhlaidh.  Is iad nam martarachdan, a’ cumail a’ dol gun a bhith a’ smaoineachadh orra fhèin.  Mar a bha Father Thomas B. Byles, dhùilt e àite air bàta-sàbhlaidh agus chùm e air a’ searmanachadh do dhaoine sam bith a chluinneadh ris – Caitligeach, Pròsdanaich agus Ìudhaich nam measg, a’ toirt maitheanas, agus sìth dhaibh uile chun a’ mhionaid mu dheireadh.
Agus tha sgeulachd iongantach a tha a’ buintinn ris a’ bhaile mhòr Ghlaschu.  Rugadh John Harper ann an 1872 ann an Houston, Renfrewshire.  Tha e air a shlighe a dhèanamh gu Chicago gus searmanachadh anns an eagalis Moody.  Thathar air a’ ràdh gun d’thug e a nighean Nina Harper agus nighean a phiuthar Jessie Leitch ann am bàta-sàbhlaidh agus chuir e a chùl riutha. Aig deireadh a latha bha e airson obair Dhè a dhèanamh.  Nuair a bha e sa mhuir, dh’fhaighneachd e do dhaoine – "a bheil Iosd nad chridhe?"  Fhreagair aon fhear nach robh agus thug Harper an seachaid-sàbhlaidh aige dha.  Thuirt e gu robh barrachd feum aige air.  Tha fios againn air a sin oir bha an duine a fhuair seachaid Harper fear de na sheachdar de dhaoine a thog a’ choigeamh Oifigear Harold Howe a-mach às a’ mhuir.  B' esan os cionn an aon bhàta a chaidh air ais gus daoine a shàbhladh.

Agus dè a tha dìleab na luinge?  Dh’ ionnsaich an t-saoghal leasanan teannasach bho Titanic.  Ged a bha mu 2,200 muinntir air a’ bhàta, cha robh àite anns an fhichead bàtaichean-sàbhlaidh ach airson mìle daoine.  Às dèidh an Titanic thàinig riaghltean ùra gu buil ann an 1914 ag ràdh gun fheumadh àiteachan gu leòr a bhith ann airson a h-uile.  Is sin cho bunaiteach is a ghabhas.  Bhon uair sin fheumadh comas-conaltraidh a bhith ann fad an latha agus fad na h-oidhche, on a chaidh fear-contaltraidh air S.S Californian dha leabaidh dìreach deich mionaidean mus do bhuil Titanic a’ bheinn-dheighe.  Ged a thog an Titanic mu dheich rocaidean san adhar agus chunnaic muinntir an S.S Californian ochd dhiubh, cha do thuig iad gur ann ann an èiginn a bha an Titanic.  A-nis ’s e rocaidean dearga a cleachar airson fios a thoirt seachad gu bheileir ann an staing. 

Leis a sin, feumaidh gu bheil e nas sàbhailte a bhith aig muir an-diugh, ach leis mar a chaidh an Costa Concordia fodha (no fiù’s gu aon taobh) aig toiseach a’ bhliadhna, nuair a chaill barrachd na trichead daoine nam beatha, chan eil cho rèidh sa bhiodhar an dùil.  Ach dè chaill mac an daoine anns na bliadhnaichean bhon a chaidh an Titanic fodha?  A-rèir luchd-siubhail air an Concordia cha robh smachd ann, bhathar a’ bualadh a chèile gus fhaighinn air fear de na bàtaichean-sàbhlaidh a bha ann am paillteas, ach air sàileibh ’s gu robh an long gu mòr gu aon taobh, cha robh leth chuid dhiubh gu feum.  Ged cho glic ’s a tha na h-innealan a th’ againn, ged a ghabh sinn ceum air a’ ghealaich, agus gun as urrainn dhuinn mac-samhlachadh a dhèanamh air an nàdar againn fhìn, nuair a thig e gu bhith aig muir, cha deach leasachadh a dhèanamh air dealabhadh nam bàtaichean-sàbhalidh.

Tha Titanic a' toirt nar cuimhne nach eil e gu dìofar de seòrsa smachd a th' aig mac an duine air an t-saoghal, gu b’ e dè seòrsa cuachd a chruthas sinn, gu b' e na h-innealan glic a thogas daoine.. tha cuamhachdan nas treasa ann a ghabhas làmh an uachdar.