Monday 23 April 2012

Oidhche nan Leabhraichean


Air an latha a rugadh agus a chaochail Uilleam Shakespeare...
Nach eil e truagh gun fheumar tachartas mar sin a chuir air dòigh.. gu bheil aonan a-mach à gach sianar a’ fulang fo dhuilgheadasan sgrìobhaidh agus leubhaigh ann am Breatainn.  Mur nach cuala sibh ma dheidhinn, aig an ìre as bunaiteache, tha oidhche nan leabhraichean gus leughadh a bhrosnachadh.  Thathar a’ toirt leabhraichean seachad gu saor is an asgaidh do dhaoine aig nach eil cothroman no ùidh ann an litricheas.

Feumaidh mi ri ràdh gu bheil an smuain seo gu math neònach dhomh.  Feumaidh mi mo thaing a thoirt dha mo phàrantan airson mi fhèin is mo bhràithrean a thoirt dhan leabharlann iondail againn gach seachdain agus ar brosnachadh gus a bhith a’ leughadh.  Tha cuimhne agam air na leasanan a thug m’ athair dhomh, b’ àbhaist e faclan fada a bhristeadh gus an urrainn dhomh an leughadh. Croc-o-dile, cha chuireadh e an uiread de dh’eagal orm nuair a bha a làmhan mòra treun gan geàrradh.  Thug e seachad ùine còmhla rium gus an urrainn dhomh m’ ainm (a tha fada) a sgrìobhadh mus deach mi dhan sgoil.

Ach ’s ann airson an fheadhainn aig nach robh pàrantan taiceil a tha an gniomhachas oidhche nan leabhraichean.  Thathar a’ toirt leabhraichean san coimhearsnachdan mar dha prìosanaich.  An-uiridh sgaoil iad seachd mìle leabhraichean agus am bliadhna thathar an dùil 70,000 leabhraichean a thoirt do phrìosanaich.  B’ e ‘The Curious Incident of the Dog in the Night-Time’ le Mark Haddon an leabhar bho 2003 a thaghadh a’ mhòr chuid dhiubh.  ’S e leabhar a th’ ann a tha tarraingeach do dh’inibheach agus do chlann a tha air an sgrìobhadh bho shealladh bhalach le Aspergers.  Anns na prìosanan bha dlùth- faireachdainn air an cruthachadh eadar soighlearan agus prìosanaich air sàileaibh ’s gun deach iad uile air an slighe còmhla.  Airson a’ chiad turas bha eòlas eadarra.

Sa mhadainn-sa, chuir mi crìoch air leabhar le Alexander Masters ‘Stuart; a life backwards’ a bha a’ toirt dhomh sùil a-steach do bheatha gu tùr eadar-dhealtaichte bhuam fhèin.  Fear a bha sa phrìosan iomadh uair na bheatha chruaidh.  Cha robh comasan litrichidh aige 'don't you ever even look at a book?' ach às dèidh a bhàs chaidh leabhar tarraingeach soirbheachdail a sgrìobhadh ma dheidhinn.

Cò nach biodh airson blas fhaighinn de shaoghal duine eile; a dhol air sgrìob gu Lilliput no a bhith a’ faireachdainn gaol no pian cho làidir, no a bhith a’ gàireachdainn gus an tig na deòir.  (an do leugh sibh ‘When god was a rabbit’? bha na deòir a’ sruthadh fom shùilean bha e cho èibhinn!)


Dè rinn mise a-nochd? chaidh mise gu taisbeanadh le Alison Lang, an sgrìobhaiche as fheàrr leam anns a’ Ghàidhlig agus dh’èist mi rithe a’ bruidhinn mun leabhar ùr aice ‘San dùthaich ùir.’  Mur nach do leugh sibh ‘Cainnt nan caileagan caillte’ tha sibhse air tòrr a chaill!  Sgrìobhadh cruthachail, ealanta aice air iomadh chuspair deatamach nach fhaicear a-riamh tro mheadhann na Gàidhlig.

No comments:

Post a Comment