Monday 30 January 2017

Leam fhèin anns an t-saoghal


Sgeulachd ghoirid do chlann aois bun-sgoile.

Saoil an creideadh sibh mi nan robh mi ag innse na fìrinn?  Abair gu bheil e doirbh ri ràdh, chan eil mi fhìn buileach cinnteach mar a chaidh cùisean cho cianail fhèin ceàrr!  An toisich mi bhon fhìor thoiseach?... no an innis mi dhuibh mar a dh’obraich sinn a-mach a h-uile sion gu rèidh aig an deireadh?
Aig an fhìor thoiseach cha robh mi fhìn deònach mo shùilean fhìn a chreidsinn, ged a thachair e uile rim bheulaibh.  Ocaidh ma thà tha mi a’ dol a dh’innis dhuibh a bheil sibh deiseil?  Uill, is e th’ ann, uill… feumaidh sibh a’ tuigsinn nach e breugaire a th’ annam oir bhathar a-riamh ag ràdh sin ged nach eil e cuimseach no càilear.  Is e a th’ ann gu bheil mo mhàthair na bana-buideachd.  Uill chan eil sin buileach ceart, chan i mo mhàthair ach mo leas-mhàthair. 
Chan fhaca mi a-riamh mo mhàthair-sa, bu mhise a chuir às dhith, nuair a chaidh mo bhreith.  Sgriosail, sgreumhail, sgràthail, sgreadaidh tha fhiosam.  Siud a bhios a h-uile duine ràdh rium. Is blàth anail na màthar bithear ag ràdh ach nuair nach eil fhios agad air chan urrainn dhut an caoidh, is mi a tha aineolach ma dheidhinn màthraichean.   Uill bha co-dhiù mus tàinig Brenda thugainn.  Eugh Brenda buseach, buidseach.  Thachair i ri m’ athair aig clas oidhche nuair a bha iad a’ feuchdainn Spàinntis gràineil a thogail.  Mo mheallachd air a’ chànan!  Bha fhiosam gu robh i grod gràineil cho luatha is a laigh mo shùil oirre!
Ged a bha mi a-riamh amharasach ma deidhinn cha d’fhuair mi a-mach ceart gus aon oidhche dhorch dhòbhaidh.  Bhuail mi an doras fosgailte le brag  às dèidh latha sàrachail– is e sin a dhèanas mise nuair a bhios a’ choach orm, is gun fhiosda dhomh bha i ris an draoigheachd aice air an taobh eile.  Tha glan fhiosam air a sin oir nuair a fhuair mi chun taobh eile an dorais cha robh sgeul oirre no air m’ athair.  Thug iad an cinn fodha.  Gu dearbh cha robh sion beò san taigh ach… is e sin am pàirt a tha cho doirbh a chreidsinn: cha robh sion san taigh ach feòrag.  Feòrag bheag ruadh le earball dosach cam is gàire mhòr ri taobh na bloineagain.
“Ha! Chan eil ann dheth ach breug” thuirt i le blìon na h-aodann.  Theab mo chridhe briseadh.  Is mi a bh’ air iomadh sgeul mar sin innseadh roimhe.  Gu cinnteach cha robh e diofar dè chanainn no dè seòrsa sgeul a chleachdainn cha robh daoine beò deònach mo chreidsinn.  Feumaidh sibh a thuigsinn gu bheil an fhìrinn fada ro dhona, fada ro ghort dhomh ri ràdh.  Chan e dìreach gur e sgeul tàmailteach a th’ agamsa ach gu bheil e buileach gun rian, gun dhòchas gun sonas.  Tha e na cràdh lèir dhomh, mar sin chan eil mi deònach ràdh.
“Cò a’ pheasan bheag a tha seo co-dhiù?” dh’fhaighnich i fhad is a bha i a’ coimhead sìos a sròn riumsa.  “Nach creid thusa nach eil mis’ air an leithid a chluintinn mar-thà a ghlaoic!”  Leis a sin, chuir a cùl rium is choimhead mi air a druim fhads is a’ choisich i air falbh bhuamsa.  Bha gualnainn fharsainn a’ dol sìos is suas cho leathann is a bha a tòn chòmharfhatail a’ dol bho thaobh gu taobh.  Sin an còigeamh fear deug a-nis.  Is abair gu bheil cùram-daltachd na cràdh dhomh.
“Cha leig thu leas a’ choimheartaich a leididh” smaoinich mi.   Bhithinns’ airson an ràdh ach leis gur e gealtaire a th’ annam, cha tuirt mi sion mì-mhodhail no cha do sheall mi eas-ùmhlachd a-riamh nam bheatha gu inbheachd.  Sin an rud ma dheidhinn dìlleachdanan, tha sinn daonnan a’ feitheamh, daonnan a’ feitheamh airson sgleoc is cuid againn tuilleadh is airidh air.  Is mi gu bhith aon bhliadhna deug a dh’aois a-nise is tha mi fhathast an-seo ann an taigh do chlann nach robh pàrantan ag iarraidh, a tha loma làn de bhalaich a tha cho coltach rium fhèin ach cho eu-coltach aig an aon àm.  Is ann mar sgadan ann am baraill a tha sinn.  Chan eil gin aca nan feòragan, uill chan eil fhathast co-dhiù.  Nach ann orra a thigeadh an dà latha nan robh cumhachdan dha rì-ribh aig mo leas-mhàthair…

     
Thuig sibh mar-thà tha mi cinnteach nach eil an leithid ann.  Nam smaointinn, nam aisling tha iomadach teaghlach air a bhith agam; bràthair as urrainn sgeith, puithar as urrainn coimhead tro bhallaichean, rudan mar sin.  Uaireanan mar a chuala sibh is e droch sgeulachd  a th’ agam, sgeul tiamhaidh tàmailteach.  B’ àbhaist sgrùdairean saidhceolas a bhith mun chuairt orm cho ceangilte is a tha bàirneach ris an lic.  Bhithinn ag atharrachadh mo sgeòil gach triop is a’ faireachdainn cumhachdachd nuair a bhiodh iad a’ coineadh is a’ gabhail truas rium.  Thuig mi aon latha gur ‘s dòcha gur e bana-phrionnsa a th’ annam! Cò ri ràdh nach e, sin an rud, mur nach eil fhios agad cò thu, cò leis thu, chan urrainnear a ràdh.  Tha mi glan aineolach, buileach aonarachd, leam fhèin anns an t-saoghal.

2 comments:

  1. Hello, is mise Theresa Williams An dèidh dhomh a bhith an dàimh ri Anderson airson bliadhnachan, bhris e suas e, rinn mi a h-uile càil a dh 'fhaodadh a thoirt air ais ach bha a h-uile càil ann an dìomhaireachd, bha mi ag iarraidh air ais e air ais air sgàth a' ghaoil ​​a th 'agam dha, Dh 'iarr mi air a h-uile dad, rinn mi geallaidhean ach dhiùlt e. Mhìnich mi mo dhuilgheadas don charaid agam agus mhol i gum bu chòir dhomh fios a chuir gu neach-brathaidh a bhiodh a 'cuideachadh leam a bhith a' toirt geasa dhomh gus a thoirt air ais ach is mise an seòrsa nach do chreid mi riamh ann an litreachadh, cha robh roghainn agam na feuchainn ris, Chuir e fios air a 'bhratach-litreachaidh, agus thuirt e rium nach robh duilgheadas ann gum bi a h-uile rud ceart gu leòr ro thrì latha, gun till m' eisdeachd riumsa mus do thrì latha, chuir e an gealladh agus gu h-iongantach san dàrna latha, bha e mu 4f. Tha mi air mo shònrachadh mar sin, fhreagair mi an gairm agus a h-uile dad a thuirt e gun robh e cho duilich airson a h-uile rud a thachair gu robh e airson gun tilleadh e thuige, gu bheil e cho measail dha. Bha mi cho toilichte agus chaidh mi chun a sin mar a thòisich sinn a 'fuireach còmhla gu sona a-rithist. Bhon uairsin, tha mi air gealladh a dhèanamh gu bheil fios aig duine sam bith aig a bheil duilgheadas càirdeas, bhiodh mi na chuideachadh don neach sin le bhith a 'toirt iomradh air no dha an aon shlat-smuaintean fìor agus cumhachdach a chuidich mi le mo dhuilgheadas fhìn. post-dealain: {drogunduspellcaster@gmail.com} faodaidh tu post-d a chur thuige ma tha feum agad air a chuideachadh san dàimh agad no Cùis sam bith eile.

    1) Geallaidhean gaoil
    2) Geasaichean Gràidh Caillte
    3) Saorsa sgaradh
    4) Geasaichean Pòsaidh
    5) Dearbhadh ceangail.
    6) Geasan-briseadh
    7) Leig seachad air leannan
    8.) Tha thu airson a bhith air a bhrosnachadh anns an oifis / litreachas a 'Chrannchur agad
    9) airson a bhith a 'riarachadh do leannan
    Cuir fios chun an duine mhòir seo ma tha duilgheadas sam bith agad airson fuasgladh maireannach
    tro {drogunduspellcaster@gmail.com}

    ReplyDelete
  2. Hello, tha mise bho na Stàitean Aonaichte, tha mi airson an teisteanas mhath seo a cho-roinn mu mar a chuidich Dr.Agbazara mi a thoirt air ais le mo leannan a bh 'ann. Nuair a bha mi a' lorg airson fuasgladh thàinig mi an conaltradh ri Dr.Agbazara agus le cuideachadh a thàinig mo leannan air ais gu mi taobh a-staigh 48 uair a thìde. Mar sin, le seo tha mi cho trom airson comhairle a thoirt do dhuine sam bith a tha a 'sireadh slighe airson a bhith a' faighinn a leannan air ais gus bruidhinn ri Dr.Agbazara air WhatsApp: ( +2348104102662 ) no tro phost-d aig: ( agbazara@gmail.com ) Tha mi cho toilichte co-dhiù mi fhìn agus tha mo leannan air ais dha chèile a-rithist agus a 'dol a chuir seachad cuirm na Bliadhn' Ùire còmhla. A 'toirt taing don Dr.Agbazara a-rithist ...

    ReplyDelete