Saturday, 4 February 2017

Agallamh Alasdair aois 98 ann an 2012


B' ann ann an 1924 a thàinig Alasdair agus fichead teaghlaich eile à Leòdhais gu ruige an t- Eilean Sgitheaneach.  'S e a' bhochdainn a thug orra falbh; daoine a bha airson beatha nas fheàrr a dhèanamh dhaibh fhèin.  Rug iad Port na Long, taobh siar an Eilein Sgitheanaich agus tha e ann a shin fhathast.  Bha bràthair Alasdair pòsta ri uchd-phiuthar mo mhàthair.  Bha Uilleam 60 nuair a phòs e Màiri.  Ged a bha trichead bliadhnaichean eadarra, bha trichead bliadhna de thlachd aca pòsda còmhla.  Bha còignear san teaghlach aig Alasdair, ceithrar bràithrean is aon phiuthar agus an-diugh chan eil air fhàgail ach Alasdair a tha 98 agus Murchadh a tha 100 bliadhna a dh’aois.

Ged as e Alasdair a chanainn ris, b’ e Mac Dhòmhnaill ic Iain às an Àird a b’ aithne daoine e.  Bha e deich bliadhna a dh’aois nuair a dh’fhàg e Àird à Rudha.  Chaidh e air a’ bhàta ‘Glencoe’ agus bha balach beag còmhla ris a bha na shlighe dha dh’Àstràilia.  Bhiodh e tric a’ smaoineachadh air ‘Saoil an d’thàinig am balach a bha siud gu soirbhechail, agus a bheil e beò fhathast?’

Seo mo charaid Alasdair MacLeòid a tha 98 bliadhna a dh’aois a’ bruidhinn ri Coinneach MacIomhair air a’ phrògram madainne a th’ aige. 
Chaidh a chrodhladh air a’ chiad latha den Mhàrt 2012. 
Chaidh a phrògram a riochdachadh le Karen Mhoireasdan

“Tha mise anns an Eilean Sgitheanach ann am Fiosgabhaig. Tha mi còmhla ri fear, agus tha cuimne aige nuair a thàinig an teaghlach aige a-nall a seo an toiseach.  Agus tha sin fo chionn còrr math is ceithir fichead bliadhna.  ‘S esan Alasdair MacLeòid.  Dè channas iad ruit bho thùs Alasdair?”

Mac Dhòmhnaill ic Iain às an Àird, Àird à Rudha, cuimnich gur e Àird a seo cuideachd. [Àird Shlèite san Eilean Sgitheanach]

“Thàinig tòrr dhaoine a dh’fhuireach ann an-seo ann am Fiosgabhaig Port Na Long às a Rudha ann an Leòdhas agus anns na Hearadh cuideachd aig an àm a bha sin, nach d’ thàinig?”

Thàinig, thàinig fichead teaghlach eadar an Àird agus Port Bholair, Port nan Giuran.  Thàinig deich teaghlaich às an Àird fhèin. Canaidh mi math càirdeal dhan a teaghlaich a bh’ ann às an Àird aig an àm.

A bheil cuimhne agad orra?”

Tha, uill, tha cuimhne mhath agam air a’ chuid as motha dhiubh, tha, glè mhath, ìre mhath, oh tha.

“Carson a dh’fhàg sibh an às a Rudha ann an Leòdhas airson a thighinn a dh’fhuireach air an Eilean Sgitheanach?”

Uill tha mi cinnteach gur e cèist tha sin, tha duilich do dhaoine a bhith ga fhreagairt, oir tha ’s matheid gur robh daoine dona agus cha leig iad a’ leas, bha airson am bochdain. Airson daoine a dhèanadh iad ghnothaichean na b’ fheàrr dhaibhp fhèin nan tigeadh iad ann a seo.

“Dè a bhliadhna a bha sin?”

Ah, ’s ann air naoi deug agus ceithir air fhichead a thàinig sinn ann an seo.  Bha m’ athair ann ron a sin agus mo dhithis bu shìne, bha iadsan a’ dèanamh a-mach ’s bha iad ag obair air na rudan a bha iad a’ dèanamh ann an seo; raithdean agus thog iad taighean. Bha fence, tòrr fence air a dhèanamh, rudan den t-seòrsa sin mus tàinig na teaghlaichean ann ach thàinig cuid den teaghlaichean ann bliadhna ron a sin gu h-àraid às na Hearadh. Bha sinne ann am bàta.

“Agus, dè a bh’ ann an-seo nuair a thàinig sibh ann?

Bha fàsach ’s e sin dìreach a th’ ann.  Cha robh às an àite-sa fo dh’fhàgas tu ‘fhios agad Carbost ann an shin, Carbost bheag.  Cha robh ann ach aon taigh edar seo agus sin.  Aon taigh ann an Fiosgabhaig. Agus bha sin air a’ fàgail ann mar iasgaran dhan an taigh mòr a bha thall ann an Talascair.  B’ e sin a bha sinne a’ cluinntinn co-dhiù.

“Dè a’ chiad chuimhne a th’ agad a-rèiste a bhith a’ faicinn an àite mar seo?”

Tha gu robh mi ann an saoghal ùr, saoghal a bha a’ coimhead math seach man a bha an àite beag chumhang anns an robh mi shìos ann an Àird.  Innis mi dhut mar a thàinig sinn ann.  Thàinig sinn a-nall air an Sheila.  Chaidh sinn dhan a’ Chaol.  Às a’ Chaol a Phort Rìgh, thàinig sinn air a Glencoe, bàta beag, Battle boat a bh’ann.  Agus thàinig sinn a-nall air a sin gu Port Rìgh.  Dh’fhuirich sinn an oidche sin ann am Port Rìgh.

Bha a h-uile càil air a chuir ann an òrdugh a bh’ aig a bhodach, fhios’ agad math, agus làrna mhàireach chuir iad ghnothaichean air dòigh agus thàinig sinn a-nall ann an-seo air làraidh.  A h-uile càil a b’ urrainn dhaibh a thoirt leotha bha e aca agus chaidh e air làraidh cho fada ri Talascair, tha sin mu dhà mhìle gu leth no mar sin air air falbh a seo.  Fhios agad, cha robh raithdean air an togail ann fhathast ann an seo, cha robh ann ach piosan dheth air a thogail.  Agus ’s ann aig a Thalascair taigh a Tuatha aig Talascair

An robh thu riamh thall tuatha aig Talascair a seo?

Oh bha, gu dearbh, rinn mi prògram thall a sin o chionn dhà no trì bliadhnaichean anns an stàil.”

Fhios agad an gleann domhainn tha sin.  Uill cha robh càil den a sin a’ fàs nuair a thàinig sinne.  Cha robh allaichean ann.  Cha robh craobhan againn. Cha robh a h-uile càil againn a sin ann an sheo.  Agus bha a h-uile càil cho ùr dhuinn

“Mus tig mi gu bhith a’ dèanamh an tilleadh còmhradh ma dheidhinn an aite mhìorbhaileachd tha seo a thàinig sibh.  Dè mun àite a dh’fhàg sibh, dè na cuimhne a th’ agad air a’ chiad deich bliadhnaichean dha do bheatha rèside anns an t-Àird?”

Och chan eil dìreach, bha e.. a bhith a-measg a’ chlann eile a bha timcheall agus a’ cluich timcheall còmhla riutha, a’ dol dhan sgoil bha sgoil cho faisg oirnn, bha an sgoil cho faisg oirnn gus tigeadh sinn dhachaidh gu ar biadh aig meadhan latha agus bha sin an atharrachadh cho mòr oir san àite seo oir bha againn ri coiseachd trì mìle dhan sgoil, seo an sgoil a bh’ ann.

“Ach bha thu ag ràdh ann an sin gu e an aobhar a thug seo sibh a’ bhochdainn agus nuair a bhruidhinn sibh air bochdainn an-diugh tha sin gu math eadar-dhealaichte on an seòrsa suidheachadh ann an robh sibhse nach eil, nach robh?”

Oh tha dìofar mòr ann, bha sin as dèidh a’ chogadh mhòir agus na dhà na trì bliadhanihean as a dèidh bha fios agad cho bochd, uill bidh thu a’ cluintinn, bha rùs ann.  Bidh thu a’ cluintinn mar a bha gnothaichean.  Cha b’ e idir anns an Àird a bha seo, bha e anns a h-uile àite agus bha daoine a’ feuchdainn ri gnothaichean a dhèanamh na b’ fheàrr dhaibhp fhèin air dòigh air choreigin ach cha robh mòran cothroman aca sin a dhèanamh agus sin agad ciamar a thàinig na daoine a th’ ann a seo.

“Ciamar a fhuair iad a-mach, ciamar a fhuair d’ athair a-mach gu robh an cothrom a bha sin a seo?”

Uill, chan eil dad a fhios agam air a sin!  Tha fios agam air aon rud bha fear air an cur a-mach tutha na Baile Ailein aig taobh siar an eilein aig an àm agus chaidh dhà no trì aca a-nall an-sin a shealltainn ’s cha do chòrd gnothaichean riutha idir thall anns an Baile Ailein [“Dalla”], agus feumaidh gun cuala iad mu dheidhinn àite a tha seo agus thàinig iad a-mach a shealltain cuideachd.  Mus do ghabh iad gabhail tha seo thàinig iad a- mach a shealltainn air.

“An robh iad air a bhith anns a’ chogadh?”

Oh bha m’ athair a’ falbh  bha a h-uile duine aca anns a’ chogadh.  Bha m’ athair a’ falbh anns a’ chogadh bho thòisich e, fhios agad, bha a h-uile duine aca anns a reserve neo anns an arm an dàrna chuid.  ’S ann anns a Reserve a bha m’ athair agus tha mi cinnteach gu robh a h-uile duine aca a’ giùlan tro thriobaidlean ann an-sin cuideachd.  Bha m’ athair air Merchant Cruisers, chaill iad e ann 1916 naoi ceud deug ’s a sia deug agus fhuair esan air ais, co-dhiù, chan eil mòran fios agam, cha bhiodh iad a’ bruidhinn ma dheidhinn air a sin co-dhiù

Bha sibhse a’ fàs suas an nuair sin a-rèisd nur gille òg anns an Àird, ’s cinnteach gu bheil cuimhne agaibh a-rèisd aig deireadh a’ chogaidh agus an call mòr a bh’ ann ann an sin nuair a chaidh an Iolaire fodha.”

Tha, uill tha, bha fear an ath dhoras, fear a chaidh a chall anns a’ bhàta a bha sin.  Tha beagan cuimhne agam air, ’s e an cuimhne a th’ agam air mar a bha na boirreanaich a’ tighinn a-steach agus mar a bha iad a’ bruidhinn cha robh iad airson gun cluinneadh an fheadhainn an ath dhoras càil a bha iad ag ràdh fhios agad, bha gnothaichean cho duilich, bha an gnothaich uabhasach duilich.  Agus an fhear a chaidh a chall ann an sin bha e air a bhith air bàta mòr, fear dhan na Cruisers mhòr agus chaidh e gu sìos.  Bha còrr is mìle duine aca ann ’s e sianar a thàinig i agus tha sin fear aca, bha e a’ tighinn dhachaidh agus chaidh a chall.

“Agus nach iomadh sgeulachd dhuilich eile coltach ri sin a tha rin innse mun an tachartas a bha sin.  Co-dhiù chuir sibh sin air ur cùl, chuir sibh a Rudha an Àird air ur cùl agus thàinig sibh a-nall a seo dhan Eilean Sgitheanach.  Nise, nuair a bha sibh air an Sheila a’ fàgail Steòrnabhaigh, an robh sibh a-riamh air a bhith air a’ bhàta ron a sin?”

Och cha robh, bha mo cheudna, cha robh mi a-riamh a’ faicinn bàta ron a seo.

Bha thu ri taobh na mara, an robh eòlas agad air a’ mhuir?”

Oh uill!  Cha robh daoine a bha a’ fuireach anns an Àird nach fhaiceadh gu leòr bàtaichean iasgaich, sin an obair a bh’ aca ann an-sin, mar mhìle no, dè a bh’ ann?  Mu dhà mhìle bataichean a bha sin.

“Do bhalach aig aois deich bliadhna an uair sin a bhith air falbh air an Sheila, ’s e rud mòr a bhiodh a sin, nach e?”

Uill cha robh e a’ cunntadh, cha robh gu diofar dè an aois aig an robh mise, deich bliadhna ann cho fad ’s a bha an teaghlach a’ dol còmhla rium, a bhith a’ dol do dh’àite sam bith còmhla riut, ach bha thu a’ bruidhinn air bàtaichean, bha sinne a’ faicinn tòrr bhàtaichean a’ dol tarsainn na bàtaichean-iasgaich chitheadh tu iad Drifteadh, le na Drift nets a-mach sgadan mu thimcheall, chitheadh tu an uair sin dhà no trì de na bàtaichean-siubhal ann, a bheil fhios agad air a sin? Aig an àm sin, tha, mòr, is tè no dhà eile, bha iad fhathast a’ dol an uair sin, agus tilleadh às an dèidh.

“Agus dè ma dheidhinn an turas a-nall, a bheil cuimhne agad air càil ma dheidhinn an turas?”

Och chan eil, chan eil, dìreach mar a bha sinne a’ cluich còmhla ri chèile anns an Steerage anns a’ bhàta, ’s e sin mi fhèin ’s na balaich a bha a’ dol a-nall a dh’Astràilia.

“Cò bha sin a-nise?”

Och cha robh dad a fhios agam ’s ann a Nis a thàinig iad bha iad air an t-slighe, nuair a bha sinne a dhèanamh falbh airson beartas, beartas nach d’ fhuair sinne a-riamhe!

“Cha robh sibhse a’ dol cho fad ’s a bha iadsan.”

Cha robh sinne a’ dol cho fad ’s a bha iadsan, bhiodh an fhedhainn ud a’ dol airson seòladh. Dh’fhoadadh gu robh iad airson obair fhaighinn a th’ ann chan eil dad a fhios agamsa air tìr, chan urrainn dhomh ràdh.

“Tha sin annsach a bhith a’ smaoineachadh air sibhse, clann teaghlach a bha a’ fàgail Leòdhais ’s ann a’ dol a dh’fhuirich air an Eilean Sgitheanach agus iadsan clann teaghlach a bha a’ fàgail Leòdhais agus a’ dol gu toabh eile an t-saoghal.”

Tha e smaoineachail, tha e dìreach smaoineachail.  Agus dh’fhoadainn fhèin a bhith ann an-sin bhon bhiodh sinn a’ cluinntinn, fhiosad bha bràthair m’ athair ann an Astràilia, b’ e esan an dàrna fear anns an teaghlach ann an Astràilia, agus bha m’ athair nuair a thig e gu aois seachd deug no ochd deug no rudeigin thug e a-mach le pàipearan airson a dhol a dh’Astràilia, ach nuair a chuala a’ bhodach seo, athair, mo sheanair. Cha leag e, oh, bha aon mhac gu leòr a bhith air falbh agus nach fhaiceadh e a-chaoidh agus chan fhaca e a-riamhe tilleadh cha d’ thàinig m’ uncle, cha d’thàinig e a-riamh air ais.

“Cò ris a bha e coltach an toiseach ann an-seo?”

Uill, bha e a’ còrdadh ruinn nar cloinne, is mise nam bhalach, chan eil mise a’ bruidhinn ach air mo shon fhìn, bha e a’ còrdadh rium uabhasach math agus abair gu robh e math, bha e math, bha a h-uile càil cho ùr dhut, fhios agad.  Bha agam a sin a’ dol dhan a Dhallach no dha Astràilia, bha e uabhasach math dhuinn mar sin.

“An robh uallachadh sam bith air a dhèanamh mar coinneamhan a seo, an robh àite ann far a fuiricheadh sibh nuair a thigeadh sibh a-nall?”

Uill, sin agad an rud eile a bha air a dhèanamh mus tàinig na daoine chun am fearainn, gu na lotaichean, bha Shed air a thogail air a h-uile lot agus sin anns an robh iad gus a thog iad taighean dhaibhp fhèin. mmhm

“Agus tha an t-Shed agad a sin fhathast?”

Tha an Shed tha sin thall ann an-sin fhathast, tha i beagan nas MURCHA na bha i an nuair sin ach tha ’s e àite beag fuarachd a th’ ann airson teaghlach aig an àm ach na taighean, cha robh iad fada gus a thog iad na taighean.


 “As dèidh sin, nuair a chitheadh tu sin, agus gu bheil thu ag ràdh riums gu robh e na b’ fheàrr na an rud a dh’fhàg sibh, tha sin fhèin ag innse sgeulachd ma dheidhinn dìreach suideachadh na thàmailteachail agus cuideachd an neart a bha’ anns na daoine a bha sin a bha a’ coimhead airson choiseachd orra fhèin gur e gluasad a-mach far an robh iad, an aon slighe a dhèanamh a-mach às a’ bhochdainn a bha sin.”

Uill, bha iad, bha an aon rud ann, fearann air an robh m’ athair, bha sia dachaidhean ann, sia teaghlaich air an lot beag, dè bhiodh annta, sia acairean no mar sin, dè tha sin eadar sia teaghlaich, thàinig e ann an seo, bha fichead acair aige. Bha lotan fada na b’ fheàrr, bha sin aon rud, bha e math dhaibh.  Agus bha an t-àite aca dhaibhp fhèin, cha robh daoine a’ cur dragh sam bith orra.  Bha gach teaghlach ann a sheo agus bha iad dìreach dhaibhp fhèin.  Seall ann an sheo an-dràsta. Chan eil mòran ann an-diugh!  Chan eil an uiread ann an-diugh ’s a bha an uair sin! Seall cho sòcair math ’s a tha gnothaichean ann an seo, chan eil daoine a’ cur dragh ort.

“Ach tha thu ag ràgh gu robh fichead acair ann, bha tòrr talamh ann an sin ri obrachadh aig an àm sin nach robh?”

Uill, bha, fhios agad an seòrsa àite a th’ ann an seo, chan eil e cho lom is cho rèith ris a ruadha.  Tha tòrr leòdan agus creagan ach bha tòrr ann an sin, acairean a dh’fhoadadh iad obrachadh glè mhath.

Agus dè ma dheidhinn cosnadh an uair sin? An nuair a bha na teaghlaichean a thàinig a-nall a seo às a Rudha às an Àird, agus às na Hearadh cuideachd.  An d’ fhuair iad cosnadh?”

Uill, cha robh cosnadh san àite aig an àm, ach glè bheag co-dhiù, fhios agad dè nì sinn.  Bha m’ athair uabhasach fortanach, bha ceithir teaghlaichean ann a sheo, ceathrar inbhich ann a sheo. Bha iad ag obair aig an tuathanach a bha thall ann an seo aig Talascair mu dhà mhìle gu leth air falbh.  Bhiodh iad ag obair can bho thòisich an fhearraich gu deireadh an Dàmhair.  Bha an Ghamhradh aca dheth.  Bha iad ag obair an sin chun an sguir iad, chun a thàinig orra sguir co-dhiù

“Tha mi a’ tuigsinn, fedhainn de na Hearaich a thàinig a-nall ann a seo co-dhiù, gun d’thug iad na beartan aca leotha, agus an robh iad a’ dèanamh clòimh ann an sheo?”

Bha iad a’ dèanamh clòimhtean, tha mi a’ smaoineachadh gum biodh iad ag obair air an ceann aca fhèin agus bhiodh iad ga rèic ri daoine a bhiodh, uill, bhiodh, tha mi cinnteach gum biodh iad a’ rèic pìosan dheth bhon a bha tòrr de luchd-siubhal a’ tighinn timcheall ann a sheo air làithean-saora, Sàsannaich gu leòr a’ dèanamh air a seo aig an àm ud.

“An robh na beartan sin eadar-dhealaichte ris na beartan a bha uair mus tàinig thu seo?”

Oh bha na beartan ud dhealaichte, buileach oir ’s e fiodh a bh’ annta, agus bhiodh aca ri obrachadh aswell le làmhan bha sin anns a’ chuid bu mhotha dhuibh.  Bha aon fhear a bha faisg oirnn ann a sheo agus bha e fhèin, tha mi smaoineachadh chan eil fhios an e e fhèin a rinn e, bha dòigh aige a bhith ag obrachadh mar seo, bha rudeigin a chuireadh e fo’s cionn a’ bheart agus dh’obraich e dha e a-nall ’s a-nall ros, na casan a’ dol aig an aon àm, cluinneadh tu suid a’ dol feasgar samhraidh cluinneadh tu am brag brag a bha suid fad an fheasgar.  Agus, a-nise, nuair a thàinig iad, nuair a thòisich iad ann a shin às dèidh dhan a’ chogadh, tha mi a’ smaoineachadh às dèidh dhan a’ chogadh a’ sguir, thòisich am fiorm a bha seo,  from the Border no less, ’s e fiorm Valentines agus bha agent aca ann a sheo fhèin Calum Mac Ghille Eathainn agus bhiodh e a’ toirt na clòimhtean dha na daoine fhuar beartan agus bhiodh e a-nis gan toirt air falbh shìos chun a fiorm aig an robh e ag obair.

“Ach chan e Cloimhe na Hearadh a bhiodh sin idir?”

’S e nàdar ach cha robh an trade mark aige ’s e an nàdar de chlòimhe na Hearadh a bh’ann, ’s e an aon sheòrsa ach cha robh an trade mark sin idir aige, bhiodh iadsan a’ rèic dhaibhp fhèin.

“Dè ma dheidhinn iasgach, an robh càil mar sin a’ dol air adhart oir tha mi a’ faicinn gu bheil am muir a cheart cho faisg ’s a bha e anns an Àird”

Oh tha, nam biodh tu ann a sheo, chitheadh tu aig an àm ud iomadh slat aig na creagan a tha sìos fodha, chan fhaic thu, chan fhaic thu ris an latha an-diugh co-dhiù, ach bha tòrr de dh’òigridh ann an uair ud, tòrr òigridh, fhios agad, teaghlaichean òg a bh’ ann, a’ chuid bu mhotha dhiubh aca ’s e teaghlaichean òg a bh’ ann agus sìos bhon a’ chladaich ann a shin, tha tràigh bhrèagha againn ann a shin ann a sheo cuideachd, rud nach robh againn anns an Àird.

“Cha robh e às an Àird, dh’fheamas tu a bhith a’ coimhead a-nall anns a’ Bhac agus chì sibh tràigh brèagha ann a shin.”

Tha aon chladach beag ann a shin ris an canadh sinnegaga, cha robh e na rùm a seo anns an robh gainmheach agus ’s e rud glè àraid, bha mi a’ leughadh an leabhar a sgrìobh fear à Nìs agus ’s e a bha e ag ràdh tha leithid de àite thall ann an Nìs cuideachd ris an canadh iad Sinnegagag agus glè àraid, ’s e Sinnegaga a àite anns an Àird cuideachd cladach beag a seo. Is bha esan ag ràgh gu robh na Ròmanaich ann a seo agus gur ann bhon a sin a tha an ainm a’ tighinn Sinnegag, Sen-e-Ga, fhios agad, àraid.  Chan eil mi a’ creidsinn gu bheil e ceart.

“A bheil thu a’ dol ag ràdh riut gu robh na Ròmanaich anns an Àird?”

Aye, uill, tha. Bha fear dha na Brochs ann a sheo thall ann an Ardreach agus fo chionn grunn bliadhnaichean air ais thàinig feadhainn University air choreigin shuas ann an Sasainn agus thug iad e às a chiall a h-uile àite dheth agus chuir e air ais e mar a bha, ach fhuair iad rudeigin ann agus sin ag ràdh gu robh, bha iad a’ smaoineachadh gu robh na Ròmanaich shuas aig an àm. Rudeigin a fhuair iad ann, chan eil fhios agams.

“Ach ’s e Àird a seo air a bheil thu a’ bruidhinn, chan e Àird a Rudha!”

Ard Reach air a bheil mi a’ bruidhinn

“Oh sheagh, ’s e, cha robh mi smaoineachadh gu robh na Ròmanaich a’ faighinn a-steach dhan a Rudha idir!”

Gheibhadh, uill, fhuair iad a-steach a Shinneadh, tha sin agad anns an Àird.

“Sin agad e, uill, agus tha sinn a-nall a seo a-rèist co-dhiù, bha thu ag ràdh gu robh sgoil trì mìle falbh bhuaibh, nis, dè na cuimhnichean agad air a’ dol dhan a sgoil nuair a thàinig sibh ann a sheo?”

Ah uill, bha dìofar mòr eadar an sgoil a bha seo. ’S e Shedaichean fiodh a bh’ ann aig an àm, bhon sgoil a bh’ againn anns an Àird.  Fhios agad dè cho math ’s a bha  nan sgoilearan a thàinig anns an Àird, co-dhiù, cha robh mòran sgoil a seo, anns na ceithir bliadhnaichean a bha mi a’ dol ann a sheo, chan robh mòran idir ann, cha d’fhuair sinn mòran foghlam idir, ach fhuair feadhainn eile, thàinig an sgoil air adhart, nuair a thog iad an sgoil ùr ann an seo agus thòisich iad a’ faighinn luchd-teagaisg math agus thàinig gnothaichean air adhart. Ach na ceithir bliadhna a bha mise ann a sheo innis mi dhut cho math ’s a bha an àite, nach cho dona, cha deach an taighe aig an sgoil aig an àm a bha suid cho fada ri Port Rìgh dha na Secondary. Ceithir bliadhna.  Ach tha feadhainn a chaidh ann bhon uair sin sgoil Phort Dhòmhnaill, fhios agad am feadhainn aca.

“Bha thu a’ bruidhinn air an tuathanas, an tac a bh’ ann a seo, dè seòrsa obair a bha a’ dol air adhart aig an àm sin?”

Uill, bhiodh obair fearainn ann, tha fios’am gum biodh tòrr draineadh air a dhèanamh ’s rudan sen t-seòrsa sin.  Bha iad ag obair aig Caoraich, bhiodh iad math air sin, gnothaichean mar sin. Tha fios’am air aon rud a bha iad air an dèanamh agus tha fios’am nach deach leis cho math, bha iad a’ dèanamh àmhainn, bha dà àmhainn a’ tighinn sìos aig Talascair ann a shin agus bha fear dha na h-aibhnaichean sin a’ tighinn mun taigh-mhòr agus bhathar airson Loch a dhèanamh.  Bha iad a’ feuchdainn ri Loch a dhèanamh ann a shin. Is gum biodh an t-iasg air an Loch ’s gum biodh iad a’ tighinn, a’ faighinn chun an Loch a bha seo, ach chan eil mi a’ smaoineachadh gum tàinig e gu rud sam bith. ‘s iomadh latha a bha iad ag obair ga dhèanamh ach chan eil mi a’ smaoineachadh gun deach leis idir. Chan eil mi ag ràdh gum biodh oir an-diugh chan eil Loch ann.

“Chunnaic mi bùrn gu leòr air an t-slighe a seo ceart gu leòr, tha na h-aibhnaichean làn dheth, ach cuideachd tha aon rud a bha iad a’ dèanamh leis a’ bhùrn a bha sin, bha iad ga cleachadh son aobhar eile nach robh ann an Talascair?”

Bha agus, chan eil fhios’am nan robh fhios agad air a seo ’s ann ann an Fiosgabhaig a thòisich sin an toiseach ’s tha e coltach leam gum faigh thu Uisge-Beatha Fiosgabhaig ma tha tòrr airgead agad chan eil fhios’am càil a faigheadh tu ma tha càil fhathast ann, Fiosgabhaig Whiskey.

“Sheadh, agus an robh iad ga dhèanamh gu laghail? ”

Oh gu laghail, aye, oh yeah, ’s ann a seo a a thòisich na Stàil a bha sin an toiseach, gur ann glè bheag a bhios ann, chan eil fhios agam, chan eil mi glè chinnteach oir tha dhà no trì aibhnaichean ann an Fiosgabhaig chan eil dad a fhios’am cò an àbhainn a bha iad a’ cleachadh.  Ach ’s e mo bheachd gu robh iad ag obair ann a sheo an toiseach agus chaidh iad bhon a sin gu àiteachdan suas ceann tuatha an eilein agus thàinig sinn air ais a Charbost agus tha iad ann an Carbost fhathast.

“Bha mi a’ dol a dh’fhaighneachd dhaibh ma dheiadhinn na teaghlaichean eile a thàing ann a seo, an urrainn dhut feadhainn aca aineachadh dhomh?“

Uill, tha faodaidh mi toiseachadh le Fernalea, canaidh mi Taigh Àileagan a bha san Àird, bha iad a’ fuireach ceann a-muigh na h-Àirde, agus Taigh a’ choinnich, bràthair m’ athair, thàinig triùir bhràithrean ann a sheo, m’athair agus dithis bhràithrean agus chanadh iad ris am fear an sin, chanadh iad CronSì agus thàinig an teaghlach aca seo.  An ath fheadhainn as fhaisge dhaibh Taigh Thormoid Iain Ruadh, agus ’s ann à Port Molaing a thàinig iad a sin.  Risd, thèid sinn air adhart gu Fernilea bha taigh an Uscalan Tormod MacCoinnich an Usgalan a bh’ aca, agus an ath thaigh, Taigh Dòmhnaill, Dòmhnaill MacCoinnich a bha sin, Dòmhnaill! Nise, suas air a sin bha Iain Coinnich Alasdair, às a’ cheann bheag tha mi smaoineachadh, b’ ann a Port an Ùran a bha e agus, risd, Murchadh Calum Rothachar, mar a chanas iad ris -tha sin ag innse dhut cò às a bha e Murach Chalum Graeme, à Pròcal. Bha sin agad fernilea.

Ann an Port Na Long, cha robh ach aon teaghalach à Leòdhais ann am Port na Long, agus ’s e sin teaghlach Aonghais Iain Mhòr, nise thig sinn a-mach aig Fiosavaig, thòisich sinn aig number two; m’ athair, an teaghlach a th’ againne Taigh Dhòmhnaill ic Iain.  Canaidh iad ris ann an seo, ’s e bhiodh aca ach Dòmhnaill beag. Four; bràthair m’ athair eile; Seonaidh a bha pòsd aig nighean Iain Tosd, Isbheal Tosd tè à Charball agus chan eil daoine aca beò an-diugh.

An taigh a bha seo, am fearainn a bha seo ’s e fear Dòmhnaill Fhionnlaigh Chalum, às an Àird agus bha iad ann iomadach bliadhna ach chaidh iad air ais, uill tha na seann daoine air an tiochlachadh ann a Port na Long ann a shin ach phòs Dòmhnaill agus cha robh gnothaichean a’ còrdadh ris a’ bhean aige agus chaidh air ais à Leòdhais.  Thàinig feadhainn eile ann a seo bhan taigh-sa agus bha iad ann iomadach bliadhna
Tèarlach MacLeòid, ’s ann às na Hearadh a thàinig iad.

Nise, number eight, taigh – tha e cho math a’ caintainn an ainm aige! taigh sùidich- Aonghais Iain Bhàin às an Àird, agus tha a mhac ann a sheo fhathast.  Agus an ath thaigh chun a shin, number nine ’s e MacIomhairs a bh’ annta às an Àird cuideachd.    An ath thaigh, ten ’s ann à Brocair a bha iad, Aonghais Graeme à Brocair, chan eil daoine aca beò ann a sheo an-diugh.  An ath thaigh, aon deug, ’s e taigh Tormod MacCoinnich, ris an canadh iad Bam às an Àird.

Thèid mi gu ceithir deug, agus ’s e taigh, teaghalach Murchadh Ruaraidh às an Àird, chan eil daoine aca ann an-diugh.  Bha thirtreen ’s e teaghlach à Port nan Giùran a bha sin; Teaghlach Aonghais (Noyus), clann MicLeòid eile a tha sin cuideachd, Noyus, tha mi cinnteach gum biodh feadhainn ann fhathast a bheil fios air an ainm Noyus. 

Nise a’ dol air ais bìdeag eile ann am Fiosgabhaig bha Taigh Eoghainn Òiris ’s ann Tùbharach tha mi smaoineachadh a bha iadsan. ’S ann bhon taobh ud a bhiodh iadsan cuideachd.

“The a na mhìorbhail dhomhsa a bhith ag èisteachd ruibh a seo a bhith a’ dol tro na dhaoine a thàinig ann a sheo còmhnla ruibh aig an àm a bha sin.  Tha mi a’ feuchainn ri obrachadh a-mach tha sin faisg, gu math faisg ri ceithir fichead bliadhna ’s a deich, ceithir fichead bliadhna ’s a h-ochd.”

Ceithir fichead bliadhna ’s a h-ochd, tha sin ceart. Uill, bha mi a’ feuchdainn ri dhol bho lot, bho fearann gu fearainn airson cumail cuimhne air na daoine, sin agad e, mar a b’ urrainn mi a’ cumail greim orra.  Ach a’ chuid bu mhotha às a sin a-nis chan eil iad ann. Agus feadhainn eile, nach eil daoine às an dèidh ann.

“Ciamar a bha sibh fhèin agus na Hearaich a’ faighinn air adhart còmhla?” 

Och tha sinn, och a’ chlann, bha sinn a’ faighinn air adhart còmhla riubha glè mhath.  Dè a bh’ annta ach clann, an aon dhòigh rin fhèin.  Bha sinn a’ dèiligeadh ris a’ chèile còmhradh nan cairdean againn agus rudan den t-seòrsa sin, ach cha robh càil a sin,’s e clann na Hearadh a bu mhoatha a bhiodh còmhla riums aig an àm.

“Agus, nuair a dh’fhàs thu suas mar sin, ciamar a bha sibh gur faicinn fhèin? An robh sibh mar Leòdhais òg? mar Hearaich òg? no mar Sgitheanaich òg?”

Emmm.. uill, an-còmhnaidh an cùlaibh a h-uile càil a th’ ann ma smaoineas mi, ’s ann às an Àird, às a Rudha a bha sinn.  Ged a tha mac, dh’fhoadadh am mac a bhith glè mhath, chan eil e cho math sin.

“Tha fhios agam air a sin! Tha thu a’ tuigsinn na tha mi a’ ciallachadh ged-thà, thàinig na teaghlaichean agaibh nur n-athraichean a-nall a seo aig an àm a bha sin bha sibhse òg fhathast, aig an àm a bha sin.  Bha sibh ann a-shin às a Rudha, agus às na Hearadh agus bha sibh a’ chiad ghinealach a bha sin.  An robh sibh fhathast a’ faireachdainn, uill tha e foilleasach gu robh sibhse ga fhaireadhainn oir tha sibhse ga fhaireachdainn chun a latha an-diugh an dàimh a bha seo ris an àite an tàinig thu ged nach robh thu ann ach beagan bhliadhnaichean?”

Tha sin ceart, uill, nuair a smaoineasas tu air ’s ann às a thàinig sinn.  A h-uile ginealach a bha romhainn. Tha e agamsa ann an sgrìobhadh suas dà cheud no trì cheud bliadhnaichean chun an t-seachdamh linn deug na daoine agam fhìn. Agus bidh mi a’ sealltainn ris glè thric.

“Ach an-dèidh sin, ’s e rud a tha e iongantach dhomhsa smaoineachadh air tha sibh air a bhith ann a seo airson ceithir fichead bliadhnaichean agus a h-ochd agus chan eil blas Sgitheanach air a’ chòmhradh agaibh!”

Chan eil, agus bidh sinn a’ feuchdainn ri feadhainn eile ionnsachadh!  Tha sinne a’ dèanamh obair mhath dhaibh ann a shin, nach eil, Gàidhlig à Rudha aig an taigh chun na Sgitheanaich ann a seo, nach eil sin glè mhath, agus fear dha na Hearaich cuideachd.

“Chan eil a-mhàin gu bheil e math, tha e iongantach agus chanadh daoine gu bheil e annasach, agus àraid.  An cùm na Hearaich, an robh iadsan air am blas aca a chumail cho math ris mar a bha sibhse air am blas agaibh a chumail?”

An aon dòigh, aidh, cluinneadh tu feadhainn aca ann a sheo a bhios a’ bruidhinn còmhla ruit fhèin uaireanan agus nach eil iad cho Hearach ’s a bha iad a-riamh. Bruidhinn san aon dòigh, a’ bruidhinn san aon dòigh is a bha iad anns na Hearadh, an aon dòigh is a bha màthraichean is n-athraichean a’ bruidhinn.

“Dè ma dheidhinn an uair sin ged-thà, a’ chlann an uair sin a dh’fhàs suas ann an seo, an do ghabh iadsan blas an Eilein Sgitheanaich?“

Uill, tha cuid dhuibh agus chan eil mi glè chinnteach dè an eilean às an tàinig iad. tha cuid aca mar sin agus geibh thu blas na Hearadh, blas Leòdhais air cuid aca, tha sin ceart.

“Co-dhiù, air ais chun na làithean nuair a thàinig daoine ann a sheo an toiseach, agus thòisich daoine a’ dèanamh beatha dhaibh fhèin ann a sheo, a’ togail dhachaidhn dhaibh fhèin ann a sheo, an e Taighean geala no an d’thog daoine taighean dubha?”

Aon teaghlach a thog taigh dubh, airson bha teaghalch mòr aca agus cuideachd bha seanair agus seamhair aca còmhla riubha. Is cinnteach gum biodh dusan aca ann uile gu lèir, bha sin Fernilea, thog iad taigh mòr dubh còmhla rin shed agus bha e gu math feumail dhaibh aig an àm, chun uair ud a thog iad an taighe a tha an-diugh suas ann a shin.

“Nis, nuair a thig daoine a-steach ann an seo gu Port na Long, tha thu a’ faicinn na seann taighean agus tha iad gu math coltach ri chèile, bha iad den aon sheòrsa, an e taighean na bùird a bh’ annta?”

Uill, bha sin air a’ phlanadh aig a’ bhòrd, bha Sign a sin aige air a’ cur a-mach dhaibh.  Bha dà sheòrsa, can is matheid trì seòrsaichean ann.  Bha an seòrsa bha seo, nise, nuair a chaidh an taigh a seo a thogail, cha robh càil anns a’ bheulaibh no càil air a’ chùlaibh aige, agus cha robh ann ach trì seòmar, nis, bha feadhainn eile agus biodh sgullery aig cùl an tighe, thog m’ athair sin, sin a bh’ aig m’ athair, sin bha seòrsa taighean eile a chi thu, taigh clach, bha tòrr dhuibh air an togail ann an Leòdhais, an aon sheòrsa, bha sia tha mi a’ smaoineachadh gur e sia den seòrsa sin a chaidh a thogail anns an àite uile gu lèir.  ’S e seòrsa a bh’ aig a’ chuid bu mhotha ann a sin.
Bha taighean fada na b’ fheàrr, na b’ fheàrr nam thaigh-sa cuideachd, ach às dèidh sin thàinig orra fàgail.

“Dè an ùine a bha sibh ann an seo anns an Eilean Sgitheanach mus deach sibh air ais tilleadh dhan a Rudha?”

Uill, bha mise, tha mi smaoineachadh gu robh mi seachd no h-ochd bliadhnaichean mus deach mi air ais ann.

“A bheil càil a’ chuimhne agad air cò ris a bha siud coltach?”

Uill, Innisidh mi dhut nuair chaidh a’ chiad uair a bha mi ann agus chaidh mi dhan Àird air ais, bha mi a’ faicinn a h-uile càil cho beag, agus na taighean, dìreach mar gum biodh, cha mhòr nach cuireadh tu do ghàirdean timcheall air a h-uile gin dhiubh, cho beag is a bha an àite coimhead.  Sin agad nuair a chitheadh tu rudeigin a thàinig thugam, ach an dèidh sin bha cuimhne agam air an àite ach às dèidh a bhith falbh cho fada, sin mar a chunnaic mi e, àite cho faisg, a h-uile àite cho faisg air a chèile, bha mise a’ smaoineachadh, bha taigh solais anns an Tiompan agus bhiodh e a’ bualadh oirnn ann a shuid gu h-àraid anns na Fabhainn anns am biodh sinn a’ cluich a-muigh.   Bha e mar gum biodh e mìltean mòr air falbh, nise nuair a thèid thu dhan Àird an-diugh dhan Àird an Tiumpain, cha mhòr nach dèiligeadh tu ri clach idir, fhios agad, sin mar a bhiodh mi ga faicinn.
              
“Agus an uair sin nuair a thàinig thu air ais dhan Eilean Sgitheanach dhan Fiosgabhaig a tha seo, dè bha thu ag ràdh ruit fhèin?  Oh uill, seo mo dhachaidh a-nise, dè an àite a bha thu a’ faicinn mar do dhachaidh?”

Is e an àite seo.  ’S e.  Chan eil mi smaoineachadh gun iarrainn a dhol dhan Àird idir.

“Uill, tha mi a’ tuigsinn sin an-diugh ach nuair a chaidh sibh ann an uair sin, nuair a bha sibh seachd bliadhna deug..?”

Bha mi a’ faireachdainn sin, bha mi cinnteach, mar trì air fhichead tha mi a’ creidsinn.

“Ach, mus deach sibh air ais, ’s e an Eilean Sgitheanach, Fiosgabhaig nad dhachaidh”

Gun teagamh, ’s e, ’s e.  Tha mi làn chinnteach gu robh sinn na b’ fheàrr dheth ann an seo.

“Co-dhiù, thàinig sibh a-nall an seo, chaidh sibh dhan an sgoil, dè a rinn sibh fhèin nuair a dh’fhàg thu sgoil?”
                                                                                                                            
Uill, cha robh mòran obraichean ri fhaighinn aig an àm, agus ’s e a’ chiad obair a bha daoine ann an seo a’ dèanamh ’s e a’ dol sìos ag iasgach ann am Breac sìos chun àmhainn Tay. Agus, tha mi cinnteach, cho luatha is a thog sinn ràmh, bha sinn a’ feuchdainn ri faighinn obair ann a shin.  Tha mi cinnteach eadar sia deug no seachd deug gu robh mi, gun deach mi ann an toiseach.  Agus uair na dhà ann a shin, ach an dèidh sin, dè fear dha na h-àiteachan..?  Bha mi na mo Nàbhaidheachd blaidnaichean, aig muir greis suid, bha mi ann am Fort Uilleam greis anns an àite a bha sin a’ dèanamh Aluminium.  Bha mi air ais a-rithist gu muir agus sin mar a chrìochnaich mi aig muir.

“Bha sibh bliadhnaichean gu dearbha air a’ bhàta a bha sin, aig a’ Chruiser nach robh?”

Oh bha, chan eil mòran aig a’ Chruiser nach robh mi oirre.  Bha mi a-nall a’ falbh a Fort Uilleam, fhuair mi Research boat a bh’ aca  ag obair a-mach ann an Obar Dheathainn a bha mi.  Bha mi oirre sin chun a thòisich a’ chogadh.  Nise, bha na bàtaichean, bhuineadh iad dhan riaghltas, agus ghabh iad a-nall iad às a’ bhad. ’S ann leotha fhèin a bha iad co-dhiù.  Ghabh an Nèibhidh a-nall iad às a’ bhad.   Bha cothrom agad fuireach no cothrom agad falbh, uill chan eil mi smaoineachadh gun do ghabh iad a h-uile daoine, dh’fhuirich a h-uile daoine againn sinn oirre.  Bha sinn orra fad a’ chogaidh.  An dèidh a’ chogadh, uill, tha mi a’ creidsinn gun do sguir a’ choragh aig deireadh an Fhoghar, agus thàinig mise dhachaidh ann an sheo agus bha mi aig an taigh ann an seo gu, tha mi cinnteach Februaury an ath bhliadhna, agus chaidh air ais air an aon bhàta airson bliadhna eile a-nall ag obair air an Research an iasgaich, rannsachadh mar gnothaichean san margaid gu lèir, mar iasg, mar muir, mar tides, a h-uile càil a bha ceangailte ris an Research, bha mi oirre bliadhna às dèidh a’ chogadh.  Dh’iarr mi an uair sin a’ dol a-nall chun a Fisherie, chun a’ chost an Iar air an Cruiser.  Bha mi air dìofar feadhainn aca air deich dhiubh uile gu lèir anns an ùine sin.

“An iasgach an uair sin gu math eadar-dhealaichte ris suideachadh an iasgaich an-diugh?”

Uill, bha, bha iasgach mòr a’ dol aig an uair ud an dèidh a’ chogadh.  Bha tòrr iasgadh ga dèanamh, is ga fhaighinn.  Tha cuimhne’am nuair a thàinig sinn a-muigh chun Cluaidh agus bha an uair sin na Frangaich, tòrr de na Frangaich bhiodh iad ag iasgach seachd gu trì mìle, bha na Frangaich san aon dòigh is a bha sinn, bàtaichean againn fhìn, bha iomadach Roll ann mu thimcheall.  Ach an dèidh, uill chan eil cuimhn’am cùin a rinn iad seo ach gheallaich iad na limits, fhios agad agus chuir iad na Foreighners a-mach gu na h-uiread Dùn Èideann gus am b’ urrainn dhaibh na cladaichean againn.  Bha sin a’ toirt cothrom, ach an dèidh sin bha daoine, bha eagail orra mun àite, bha iad iar an àite gar lorg chun an-diugh, cha mhòr nach eil iasgach fhaighinn san àite.

“Ciamar a bha sibh fhèin agus na h-iasgaran a’ faighinn air adhart ged-thà, an robh iad a’ tuigsinn gu robh obair agad ri dhèanamh no an robh iad gur faicinn mar daoine a bha a’ cuir stad orra a bhith ag iasgach?”

Oh bha h-uile daoine nam dhearbhadh.

“Oh uill, nuair a bha mise fàs suas bha airgead gu leòr air ag obair a-mach às à Locha a Tutha, cha d’ rinn sibh mòran feum às a Loch a tuatha!“

Cha channadh mise an ainm ach bha fear bhon taobh à Bhac a bhiodh e an-còmhnaidh a’ tighinn sìos a’ toirt sèic (sheck) dhuinn, tha cuimhn’am aon oidhche, bha mi aig Launch, thàinig e a-nuas Steòrnabhagh is thòisich e ri bhith ag èigheachd riums, bha mi aig tìr ris an robh e, agus thuirt mi ri gun gabh sinn cuairt sìos a’ bhaile, bha mi a’ feuchdainn ri ciall a chuir na cheann, agus, och, aidh och, chan fhaca mi tilleadh e, chan fhaca mi tighinn tilleadh e.  Bha e cho gòrach a bhith a’ tighinn chun na bàtaichean ag èigheachd, a’ dèanamh strì air na bha sinn a’ dèanamh, bu chòir dhuinn a bhith san lot ùr, rudan den t-seòrsa sin, bha sin cho gòrach.  Dhèalaich sinn glè dhòigheil agus chan fhaca mi riamh e tighinn timcheall, tha tha mi cinnteach nam faiceadh tu an daoine chan eil fhios’am dè chanadh tu ris.

“Tha mi a’ smaoineachadh gur dòcha gu bheil e nas glice dhuibh fhèin agus ’s dòcha sàbhailte dhomhsa a fheumas a’ dol air ais ann, nach biodh fios agam air na h-ainmean aige.  Tha e foilleasach ged-thà, gu robh e a’ còrdadh ruibh a bhith aig muir.“

Uill, ’s e obair a bh’ ann, ach dh’fhuirich mi ann chun an Retirement.

“Nuair smaoineachas mise air ais chan eil fhios’am nan robh sinn fiù’s air tòiseachadh ag obair, nuair a bha an t-àm agadsa sguir agus ’s dòcha gun canadh cuid gu bheil an t-àm agamsa nise a’ sguir, agus sibhse air a bhith air ar dreuchdan a’ leigeil seachad fad nam bliadhnaichean a bha sin.  Nuair  a choimheadas tu timcheall a seo ann an Port na Long agus sibh fhèin ceithir fichead agus ochd deug bliadhna a dh’aois agus chuimhnicheas sibh air na daoine a bha sibh ag ainmeachadh na bu thraithe dhomhsa,  ’s gun daoine aca ann an-diugh agus a choimheadas tu timcheall oirbh.  Dè cho eadar-dhealaichte ’s a tha am baile seo an-diugh, Fiosgabhaig, Port na Long fhèin timcheall air seo, ris mar a bha e nuair a fhuair sibh eòlas air an toiseach?“

Chan e an aon àite a th’ ann idir.  Dh’fhalbh na daoine. Dh’atharraraich na nàdar on a dh’fhalbh na daoine às. Thàinig atharrachadh air na daoine cuideachd. ’S e rud a bu mhotha a bha mise a’ faireachdainn nuair a thàinig mi air ais a bhith a’ bruidhinn ri òigridh, ’s e a chanadh iad rium ’s e “I don’t know, I don’t know Gàidhlig, I don’t speak Gàidhlig.” Uill, bha sin uabhasach, uabhasach duilich a ghiùlan.

“Ach tha mi a’ tuigsinn nuair a bha thu air do bhreith gur e sin a fhuair thu cuideachd?”

Oh ’s e ’s e sin a bh’ ann mus tàinig mi a seo, bha, bha e san Àird; clann a’ bruidhinn na Beurla.  Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e a’ tighinn beagan air ais a-nise, beagan.

“Bha e foilleasach co-dhiù, gu robh e a’ dol ag ararrachadh, tha a h-uile àite air atharrachadh.  Tha daoine tighinn is tha daoine falbh, tha daoine ùra a’ tighinn a-steach, tha na taighean an seo, am baile, a chruthaich sibh fhèin, tha iad a-nis a’ dèanamh dachaidh do ghinealach ùr agus do theaghlaichean ùr, nach eil?”

Uill, chan eil fhiosam a bheil mòran teaghlaichean ann ach tha aon is a dhà is a trì anns a h-uile àite.  Tha dhà no trì teaghlaichean ann ceart gu leòr agus teaghlaichean òg agus tha e a’ còrdadh riutha, agus tha iad a’ fuireach ann.  Chan eil na h-aon dòighean aca mar a bh’ againn, agus tha e mar gu bheil iad a’ dol ann an àite, mar a tha iad sa h-uile àite san tèid iad.

“Ach tha daoine ga fhaicinn mar àite tarraingeach son a bhith fuireach ann, tuigidh daoine carson a tha sin, tha am muir ri ar taobh ann a-sin, tha seallaidhean brèagha a-mach air na h-uinneagan agaibh, tha fiù’s tha pìos mach à Port Rìgh fhèin a tha daoine ri bruidhinn mar bailtean nam moire, nach eil.”

Uill, chan eil e gu dìofar cait an tèid thu air an Eilean Sgitheanach, ach bidh sealladh ùr agad, agus tha mi cinnteach gum bidh thu a’ faicinn sin a’ dol timcheall, chan e an aon sheòrsa sealladh a th’ agad, agus tha e uabhasach tarraingeach dhan a h-uile daoine a bhith a’ faicinn sin.  Tha an àite a’ lìonadh le taighean ùra ann a sheo nach robh ann a-riamh, air a lìonadh le cànan nach robh ann a-riamh, cànan a bh’ ann, chan eil mòran air fhàgail, chan eil fhiosam nach eil mi fhèin as motha a bhios a’ bruidhinn a’ Ghàidhlig an seo fhathast na taigh sam bith ann.

“Dè ma dheidhinn am fearann, a bheil daoine a’ cleachadh fearann an-diugh mar a bha nuair a bha sibhse ann?”

Chan eil iad a’ cleachadh am fearainn mar a bha, och chan eil.  Chan eil càil aca air am fearainn ach taigh aca air am fearann, cùl no cinn, tha e ag obrachadh glè mhath, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e air obrachadh ron an seo mar a bha e riamh, ach dè cho fads sa mhaireas sin, tha e duilich smaoineachadh, chan eil an òigridh fhiosagad a-nis ann, tha barrachd cothroman aca na bh’ aig an daoine romhpa, cha robh an t-airgead ann an uairsin, chan robh innealan aca cha b’ urrainn dhaibh innealan a chleachadh airson obrachadh na caoraich is an leithid sin.  Feumaidh mi ràdh gu bheil iad a’ dèanamh glè mhath fhathast, gus b’ e dè thachras.

“Cuin a bha sibh sa Rutha mu dheireadh?”

Sia bliadhna.

“Agus, nuair a chi sibh a Rutha a-nis, chi sibh na h-atharraidhean a tha a’ tachairt ann an seo, ann an sgìre Phort na Long, dè an sealladh a th’ agad air an Rudha an-diugh, faodaidh sibh rud sam bith a thogras tu ag ràdh oir chan eil sibh a’ fuireach ann an-diugh, uill chan eil sibh air a bhith a’ fuireach ann o chionn ceithir fichead bliadhna ’s a h-ochd, nuair a chi sibh a Rutha an-diugh, agus smaoineachas tu air ais mar a thàinig d’ athair fhèin, a bhràithrean agus daoine eile sin, mar a dh’fhàg iad a Rutha agus a thàinig iad ann an seo, dè bhios tu smaoineachadh?

Uill, tha iad fada nas fheàrr dheth an-diugh sa Rutha, na bha sinn aig an àm nuair a dh’fhàg sinne, tha iad nas fheàrr dheth anns a h-uile àite an-diugh.  Tha beagan obair ann, mur nach eil obair aca, gheibh iad airgead! Chan fhaigheadh tu sin nuair a thàinig sinn an seo, no fada fada às an dèidh.  Bhiodh sinn a’ dol dhan obrachadh seasonal, chan fhaigheadh tu dole, chan fhaigheadh tu càil, nan cailleadh tu d’ obair chan fhaigheadh tu càil aig an àm a bha sin.  Atharrachadh mòr a tha sin.
Tha mi a’ cluinntinn a’ chlann an-diugh, nuair a dh’fhàgas iad sgoil aig sia deug gum faigheadh iad dole no dè a chanas tu ris anns a’ mhadainn.  Uill, ’s e atharrachadh mòr a tha sin.  Nuair a thàinig sinne anns an seo agus fada às an dèidh, feadhainn bhon teaghlach a bhiodh ag obair nam biodh an còrr den teaghlach bochd bhiodh iad a’ cuideachadh a’ chèile, cha leig iad a’ leas sin a dhèanamh an-diugh, oir tha a h-uile daoine ga faighinn an-diugh.  Bhon an thèid am breith, tha iad a’ faighinn am cumail.  Tha teaghlach agad fhèin, agus tha iad a’ faighinn rud airson bhon rugagh iad, nach biodh?

“Oh bha, agus a h-uile teaghlach eile sin an àm sa bheil mise agus anns an robh mise.  Tha thusa a’ bruidhinn air saoghal a sin, agus ’s e glè bheag an-diugh a b’ urrainn a’ dol air ais dhan t-saoghal a bha sin saoghal bho chionn air faisg air ceud bliadhna air ais. Tha sibh air a bhith gu math fortunach dhuibh fhèin a thoabh shlàinte s eile nach eil?

Oh glè fhortanach, glè fhortanach, tha mi cinnteach gu robh mu thrì fichead mus tàinig orm a’ faicinn mòran YEECH a-riamh, cha robh goirt ann no càil mar sin, cha robh, cha robh feum agam air dotair no leigheas.

“Ann an seo, anns an Eilean Sgitheanch, nam biodh feum agad air, càit, far am faigh thu dotair, an fheumas tu dhol a Phort Rìgh?”

Chan fheum.  Tha dotair, bidh dà dhoctair againn ann am Carbost, dithis bhoirreanaich, ’s e boirreanaich a tha nan dotair tha iad a’ gabhail pàirt ri chèile agus tha sinn glè mhath dheth airson sin, ach aig deireadh na seachdain, cha bhiodh daoine ann. Dh’fheumadh tu dol dhan Ath Leathainn na a dhol a Phort Rìgh.

“Tha mi a’ feuchdainn ri obrachadh a-mach nam biodh e na b’ fheàrr dhaibh no nas b’fhasa dhaibh nan robh sibh anns an Àird ach, tha e rudeigin anamoch a bhith a’ cur an cèist sin oribh”

Thuirt mi e.

“Gum b’ fheàrr leibh a bhith an seo fhèin.”

’S e.

“Tha fios’am gun tuirt ceart gu leòr ach nuair a smaoineachas tu air ged-thà, a co-dhùnadh a bha sin aig an àm a bha sin, ’s e co-dhùnadh mòr a bha sin dha d’ athair, nach b’ e?”

Uill, ’s e, tha mi cinnteach ann an èiginn, tha fios’am gur e an èiginn a thug air daoine a’ feuchdainn ri gluasad a-mach às a’ bhochdainn agus bha iad a’ faicinn gu robh  beagan adhartas, gun dèanadh iad beagan adhartas nan robh iad a’ dol seachd a bhith a’ fuireach san aon àite. ’S e sin a tha mise smaoineachadh.

An dùil, dè an ùine a dh’fheumadh e daoine a bhith ann an seo son blas Rutha a chall? Tha e foilleasach nach e ceithir fichead agus a h-ochd bliadhna gu leòr, ach dè ùine a dh’fheumadh iad a bhith ann an seo gus blas a Rutha a chall agus blas an Eilean Sgitheanaich fhaighinn?”

Uill, cha chaill thu blas, tha mi smaointinn gur e a’ chiad bhlas, ’s e sin a’ bhlas as fheàrr, cha chaill thu a-chaoidh blas an àite far an deach an thogail an toiseach.

“As dèidh sin bha uair agus clann nighean a bhiodh a’ falbh sa Hotel agus bidh iad air ais aig deireadh an t-samhraidh agus shaoileadh tu gur ann a Glaschu a rugadh is a thogadh iad”

Oh tha fios’am cha leig iad a’ leis a bhith ann ach seachdain agus ’s e Buerla a bhios aca, chan eil mi smaointinn gur ann mar sin a tha e an-diugh ged-thà, co-dhiù, tha Beurla aca mus dh’fhalbh iad an-diugh!  Cha robh e aca an uair sin, cha robh Beurla a bhios aca nuair a dh’fhalbh iad an taigh an uair sin.

“An robh mòran Beurla agaibhse nuair a thàinig sibh seo?”

Cha robh gu dearbha! Agus chan eil mòran Beurla agam fhathast!  Nuair a bhios mi ag èisteach ri daoine agus ’s e Beurla a bhios aca ann an-sin, chan eil mòran Beurla agam fhathast.

“Uill, feumaidh mi ag ràdh gu bheil e air a bhith uabhasach math a’ tighinn a chèilidh oirbh ann an seo, ann am Fiosgabhaig ri taobh Port na Long, anns an Eilean Sgitheanach.  Tha e annasach dhomhsa a bhith a’ coinneachadh ri daoine às a Rudha, a chùm cainnt a Rudha cho fada às dèidh dha a Rudha fhàgail, na àite sam bith eile.
Tha mi airson taing mhòr a thoirt dhuibh airson a bhith a’ toirt aoigheachd dhuinn an seo an-diugh, agus tha e air a bhith sgoinneil dìreach coinneachadh ruibh gu dearbha, mòran taing gu dearbha airson a bhith deònach a’ còmhradh rium ann an seo an-dràsta, dìreach bliadhna gu leth eile, no beagan a bharrachd air a sin, nuair a thig mi air ais nuair a bhios sibh ceud.”

Oh uill, chan eil fhios’am cò gheibh thu às a sin cuideachd.  Ach co-dhiù chòrd e rium a bhith a’ còmhradh ruit agus tha mi an dòchas gun dèanadh e beagan obair airson treisag, oir tha thu fhèin a’ fàs aosd, bha mi a’ feuchdainn ri dhèanamh a-mach an aois agad ach chan eil thu fada bhon a’ phension sin a-nis, tha mise nam trom ort na tha Dan!

Nam biodh tu beagan na b’òige bheirinnsa scleog dhut!  Faodaidh tu Ruthach a thoirt às à Rutha ach chan fhaod thu na Rùlach a thoirt às a Ruthach!  Uill Alasdair tha e air a bhith sgoinneil a’ coinneachadh ruibh, ceud taing gu dearbha.  ’S e urram mòr a th’ ann dhomhsa a bhith ann an seo an-diugh agus a’ coinneachadh leat, tapadh leat.  Agus bhuamsa, Coinneach MacIobhair, ann am Fiosgabhaig anns an Eilean Sgitheanach ann an cuideachd Alasdair MacLeòid.

Chaidh a phrògram a riochdachadh le Karen Mhoireasdan.
Màrt 2012.




Monday, 30 January 2017

Leam fhèin anns an t-saoghal


Sgeulachd ghoirid do chlann aois bun-sgoile.

Saoil an creideadh sibh mi nan robh mi ag innse na fìrinn?  Abair gu bheil e doirbh ri ràdh, chan eil mi fhìn buileach cinnteach mar a chaidh cùisean cho cianail fhèin ceàrr!  An toisich mi bhon fhìor thoiseach?... no an innis mi dhuibh mar a dh’obraich sinn a-mach a h-uile sion gu rèidh aig an deireadh?
Aig an fhìor thoiseach cha robh mi fhìn deònach mo shùilean fhìn a chreidsinn, ged a thachair e uile rim bheulaibh.  Ocaidh ma thà tha mi a’ dol a dh’innis dhuibh a bheil sibh deiseil?  Uill, is e th’ ann, uill… feumaidh sibh a’ tuigsinn nach e breugaire a th’ annam oir bhathar a-riamh ag ràdh sin ged nach eil e cuimseach no càilear.  Is e a th’ ann gu bheil mo mhàthair na bana-buideachd.  Uill chan eil sin buileach ceart, chan i mo mhàthair ach mo leas-mhàthair. 
Chan fhaca mi a-riamh mo mhàthair-sa, bu mhise a chuir às dhith, nuair a chaidh mo bhreith.  Sgriosail, sgreumhail, sgràthail, sgreadaidh tha fhiosam.  Siud a bhios a h-uile duine ràdh rium. Is blàth anail na màthar bithear ag ràdh ach nuair nach eil fhios agad air chan urrainn dhut an caoidh, is mi a tha aineolach ma dheidhinn màthraichean.   Uill bha co-dhiù mus tàinig Brenda thugainn.  Eugh Brenda buseach, buidseach.  Thachair i ri m’ athair aig clas oidhche nuair a bha iad a’ feuchdainn Spàinntis gràineil a thogail.  Mo mheallachd air a’ chànan!  Bha fhiosam gu robh i grod gràineil cho luatha is a laigh mo shùil oirre!
Ged a bha mi a-riamh amharasach ma deidhinn cha d’fhuair mi a-mach ceart gus aon oidhche dhorch dhòbhaidh.  Bhuail mi an doras fosgailte le brag  às dèidh latha sàrachail– is e sin a dhèanas mise nuair a bhios a’ choach orm, is gun fhiosda dhomh bha i ris an draoigheachd aice air an taobh eile.  Tha glan fhiosam air a sin oir nuair a fhuair mi chun taobh eile an dorais cha robh sgeul oirre no air m’ athair.  Thug iad an cinn fodha.  Gu dearbh cha robh sion beò san taigh ach… is e sin am pàirt a tha cho doirbh a chreidsinn: cha robh sion san taigh ach feòrag.  Feòrag bheag ruadh le earball dosach cam is gàire mhòr ri taobh na bloineagain.
“Ha! Chan eil ann dheth ach breug” thuirt i le blìon na h-aodann.  Theab mo chridhe briseadh.  Is mi a bh’ air iomadh sgeul mar sin innseadh roimhe.  Gu cinnteach cha robh e diofar dè chanainn no dè seòrsa sgeul a chleachdainn cha robh daoine beò deònach mo chreidsinn.  Feumaidh sibh a thuigsinn gu bheil an fhìrinn fada ro dhona, fada ro ghort dhomh ri ràdh.  Chan e dìreach gur e sgeul tàmailteach a th’ agamsa ach gu bheil e buileach gun rian, gun dhòchas gun sonas.  Tha e na cràdh lèir dhomh, mar sin chan eil mi deònach ràdh.
“Cò a’ pheasan bheag a tha seo co-dhiù?” dh’fhaighnich i fhad is a bha i a’ coimhead sìos a sròn riumsa.  “Nach creid thusa nach eil mis’ air an leithid a chluintinn mar-thà a ghlaoic!”  Leis a sin, chuir a cùl rium is choimhead mi air a druim fhads is a’ choisich i air falbh bhuamsa.  Bha gualnainn fharsainn a’ dol sìos is suas cho leathann is a bha a tòn chòmharfhatail a’ dol bho thaobh gu taobh.  Sin an còigeamh fear deug a-nis.  Is abair gu bheil cùram-daltachd na cràdh dhomh.
“Cha leig thu leas a’ choimheartaich a leididh” smaoinich mi.   Bhithinns’ airson an ràdh ach leis gur e gealtaire a th’ annam, cha tuirt mi sion mì-mhodhail no cha do sheall mi eas-ùmhlachd a-riamh nam bheatha gu inbheachd.  Sin an rud ma dheidhinn dìlleachdanan, tha sinn daonnan a’ feitheamh, daonnan a’ feitheamh airson sgleoc is cuid againn tuilleadh is airidh air.  Is mi gu bhith aon bhliadhna deug a dh’aois a-nise is tha mi fhathast an-seo ann an taigh do chlann nach robh pàrantan ag iarraidh, a tha loma làn de bhalaich a tha cho coltach rium fhèin ach cho eu-coltach aig an aon àm.  Is ann mar sgadan ann am baraill a tha sinn.  Chan eil gin aca nan feòragan, uill chan eil fhathast co-dhiù.  Nach ann orra a thigeadh an dà latha nan robh cumhachdan dha rì-ribh aig mo leas-mhàthair…

     
Thuig sibh mar-thà tha mi cinnteach nach eil an leithid ann.  Nam smaointinn, nam aisling tha iomadach teaghlach air a bhith agam; bràthair as urrainn sgeith, puithar as urrainn coimhead tro bhallaichean, rudan mar sin.  Uaireanan mar a chuala sibh is e droch sgeulachd  a th’ agam, sgeul tiamhaidh tàmailteach.  B’ àbhaist sgrùdairean saidhceolas a bhith mun chuairt orm cho ceangilte is a tha bàirneach ris an lic.  Bhithinn ag atharrachadh mo sgeòil gach triop is a’ faireachdainn cumhachdachd nuair a bhiodh iad a’ coineadh is a’ gabhail truas rium.  Thuig mi aon latha gur ‘s dòcha gur e bana-phrionnsa a th’ annam! Cò ri ràdh nach e, sin an rud, mur nach eil fhios agad cò thu, cò leis thu, chan urrainnear a ràdh.  Tha mi glan aineolach, buileach aonarachd, leam fhèin anns an t-saoghal.

Tuesday, 29 May 2012

Clipper air a' Chluaidh




Tha mi air a bhith air bàta air iomadh àbhainn mu thimcheall Roinn Eòrpa.  bhon Liffey agus an Thames againn, gus an Salzach agus an Seine.  Chaidh mi a-null a dh’Àisia air a’ Bhosphorus, agus chaidh mi air an Danube bho Bhienna gu ruige Bratislava.  Gabh mi dìnnear air bàta air àbhainn Vlatva agus snàmh mi sa Rhine.

Ach airson a’ chiad turas an-dè, ghabh mi cuairt air bàta air àbhainn Chluaidh anns a’ bhaile far a bheil mi fhèin a’ fuireach.  Thathar a’ ruith cuairtean fad na h-ùine eadar Braehead agus meadhan a’ bhaile aig Broomielaw.  Tha an aon theaghach air a bhith a’ ruith nam bàtaichean fad 90 bliadhna, ach cha chuala mi a-riamh man deidhinn.  
                                   
ThaBroomielaw tuilichte nar cùltar agus gu sònraichte ann an cùltar nan Gàidheal oir ’s ann an-siud a thàinig na truaghan; “they come down to wretched villages leaving their native place, are at length landed at the broomielaw, where they are left without labour and work.”  Anns an 19mh linn thàinig mìltean de dhaoine a Ghlaschu gus obair fhaighinn a thàinig às an Tionndadh Gnìomhachais agus b’ e Thomas Telford an duine a dhealbh cidhe Broomielaw gus an urrainn dha na bàtaichean-smùid a ghiùlan.

B’ àbhaist dhan àite a bhith loma-làn de bhàtaichean-smùid a bha a’ toirt muinntir Ghlaschu ‘doon the watter’.  Tha a Bhroomielaw a’ nochdadh ann an òrain Albanais mar ‘The Bleacher Lassie of Kelvinhaugh’ agus ‘Who saw the 42nd’ agus ‘The Song of the Clyde; “There's Paw an' Maw at Glasgow Broomielaw. / Goin' doon the water for The Fair.”  Thuirt tè a bha sa bhàta còmhla ruinn gum b’ àbhaist don Chluaidh a bhith iomadh-dhathe nuair a bha ise òg - dearg no gorm no uaine no buidhe a-rèir de sheòrsa ‘dye’ a bha na Bleachers a’ cleachdadh aig an àm.

Agus tha Broomielaw a’ nochdadh anns na h-òrain Ghàidhlig mar ‘Mo ghruagach dhonn’ nuair a tha an sgrìobhadair an dùil ris a leannan fhaicinn;
Nuair a leugh mi mar a bha,
Ghabh mi sìos am Brumalà:
Chunnaic mi a’ tighinn am bàt’
’S an t‑àilleagan, an ainnir, innt’.



Ach chan ann dìreach don fheadhainn a bha a’ tighinn chun a’ bhaile a bhathar ann am Broomielaw, ach an fheadhainn a bha a’ fàgail cuideachd.  Anns an òran ‘Cuir Culaibh ri Asainte’ tha an òranaiche a’ dol tro Bhroomielaw gu ruige Canada;
Disathairne rinn sinn seòladh
Bho’n Broomielaw ‘n Glaschu
Measg treubhan dheth gach seòrsa
Air bòrd ‘n “Southwark” Shasunnach.



Mar a rinn mu fhichead mìle Gàidheal eile, chaidh mo theaghlach fhèin a-nuas chun bhaile seo.  Bha iad air an Eilean Sgitheanach ann an 1891 agus an uair sin dh’fhàg mo shin-sheanair Murdo Ferguson oir phòs e Peggy Gordon ann an Glaschu ann an 1902.  Bha athair dha na ‘Quarry Worker’ agus bha athair Phèigi na ‘Clyde Trust Labourer’ mar a bha tòrr de na Gàidheil air am fastadh anns na gàrraidhean-shoithich.

Rugadh piuthar mo sheanair Mòrag ann an 1904, mo sheanair Dòmhnall ann an 1905, agus Jonny 1907 anns an taigh aca aig 39 Smith Street, Govanhill, ach rugadh Murdo air ais ann an Crepkill ann an 1917.  S mar sin feumaidh nach nach do chòrd e riubha is thill iad air ais chun eilein Sgitheanaich.  Chan eil mòran fianais ann a tha ag innse dhomh dè seòrsa beatha a bh’aca ach tha thuirt mo mhàthair gu robh bùth aca agus gun do chluich mo shin-sheanair airson sgioba iomain an Eilein Sgitheanaich.

Saoil dè smaoinich iad nuair a dh’fhàg iad, chan eil fhios dè cho fad is a bha iad ann, eadar còig no còig deug bliadhna, an do dh' fhàs iad measail air a’ bhaile far an d’rinn iad dachaidh ùr dhaibh fhèin.  Cha robh iad a' fuireach ach mìle air falbh bhon a’ Chluaidh agus ’s e an àbhainn a thug obair dhaibh.  An robh iad nam ball de chomainn Gàidhealach, no còisirean no an robh iad mì-thoilichte ann?  Chan eil freagairt agam ach le cinnt ’s e àbhainn Cluaidh a thug ann iad agus a thug air falbh dachaidh iad.



Monday, 21 May 2012

Fada Cus Cus

Dè a th’ ann an èalachas?  Nuair nach eil mi airson m’inntinn a chleachdadh ’s e telebhisean a chleachdainn.  Agus air telly os chionn greis an do mhothaich sibh gu bheil dìofar phrògraman air a bhith ann mu dheidhinn ‘hoarding’ - nuair a chruinneachas daoine fada cus stuth gun a bhith a’ toirt rudan air falbh. idir.   ‘Get your house in order’, ‘The hoarder next door’ agus ‘Obsessive Compulsive Hoarder’ trì dhiubh a tha a’ cuideachadh daoine a tha fon dhuilgheadas sin, agus gan toirt am follais luchd-amharc an dùthaich uile gu lèir.

A-rèir figearan sianal a ceithir, tha barrachd na millean ann am Breatainn aig a bheil Hoarding Disorder.  Mar aon a-mach à gach còig ann an Alba.  Tha mi daonnan air a bhith den bheachd gu bheil an àireannach mu thimicheall ort na dealbh de na tha dol taobh a-staigh an eanachainn agad.  Mar sin ‘s beag an t-iongadh gu bheil haorders, mar as àbhaist a’ fulang fo dhuilgheadasan inntinn eile.

’S tinneas dha-rìribh a th’ ann a thigeas an àird nuair nach eiler a’ dèiligeadh le na faireachdainn a th’ aca.  Mar as àbhaist thathar aonarachd, ach airson an fheadhainn aig a bheil clann, b’ urrainnear an caill ma tha an taigh ann an staing ro chunnartach.  Tha an àrainneachd aca gun fheum mar taigh- chan urrainear biadh a chòicearachd agus ma tha cho duilich sin, b’ urrainn gun tèid a mharbhadh san sgudal.

Ach chan e rud ùr a th’ ann an Hoarding.  Smaoinich air beathaichean a chruinneachas biadh thar a’ gheamraidh agus an robh fhios agaibh gu robh Hoarding Disorder aig sìobhaltas nan Ròmanaich.  Mus do ‘thuit’ Roma, chùmar buillion am falach.  (Cuimhnich nuair a rèic Gordon Brown an òr – uill ’s dòcha gu robh e eòlach air sgrìbhinn Tacitus agus nach robh còir againn gearain!)  Ach tha dìofar mòr eadar a bhith a’ cruinneachadh stuth a thig gu feum agus a bhith a’ cumail rudan a tha gu tùr gun fheum.

Agus ma tha tuilleadh ’s a chòir agaibh feumaidh tu ràdh ruibh fhèin; A bheil e gu feum?  Cuin a chleachd mi e mu dheireadh e?  Agus mur nach eil e feumail tilg air falbh e!  Bidh mi a’ sadail a-amach aodach a th’ agam fad na h-ùine ach seachd gur ann anns na bùithean-caithrinis a bhithinn gan ceannach tha mi an dùil gu bheil nas fhasa dhomh.  Ach a-rèir coltais, a nigheanan, tha ceithir pìosan aodaich againn uile sa phreas nach robh oirnn a-riamh..

’s dòcha gum bu chòir dhomh ràdh gu bheil ‘trioblaid’ no dhà agam ris a sin.  Uill chan chanainn-sa sin mum dheidhinn, ach nuair a fhuair mi fhèin is mo bhràmair àite còmhla bha rud no dha aige-san ri ràdh.  Mar eisimpleir bha dà phoit teatha agam  - fear lathail àbhaisteach agus fear eile eireachdail a chùm mi gu sònraichte agus a chleachdainn nuair a chuireadh mo charaidean cèilidh orm.  Ach oh no, cha robh esan toilichte leis a sin, agus seachd gu robh mi nas bu mheasaile air sna bha mi air a’ phoit, thug mi a’ phoit àlainn dha mo charaid.  Ach sa làimh eile bha sia botalan deug conditioner agam, barrachd na fichead botalan deodorant agus iomadh rudan eile.  Cheannaich mi iad nuair a bha ‘offer’ a’ dol, mar sin fhuair mi gach fear dhiubh leth phrìs.  Bha mise moiteil leis cho caomhnach ’s a bha mi, ach bha mo bhalach den bheachd gu robh mi às mo chiall!

Uill mar a chi sibh san dealbh tha fichead pìob uachdar fhiaclan am-meag iomadh rudan eile agam fhathast, ach cho fad 's a chùmas mi am falach iad am broinn bocsaichean am broinn preasa, chan eil cunnart ann.., a bheil?


No an e èalachas a tha sin?

Monday, 23 April 2012

Oidhche nan Leabhraichean


Air an latha a rugadh agus a chaochail Uilleam Shakespeare...
Nach eil e truagh gun fheumar tachartas mar sin a chuir air dòigh.. gu bheil aonan a-mach à gach sianar a’ fulang fo dhuilgheadasan sgrìobhaidh agus leubhaigh ann am Breatainn.  Mur nach cuala sibh ma dheidhinn, aig an ìre as bunaiteache, tha oidhche nan leabhraichean gus leughadh a bhrosnachadh.  Thathar a’ toirt leabhraichean seachad gu saor is an asgaidh do dhaoine aig nach eil cothroman no ùidh ann an litricheas.

Feumaidh mi ri ràdh gu bheil an smuain seo gu math neònach dhomh.  Feumaidh mi mo thaing a thoirt dha mo phàrantan airson mi fhèin is mo bhràithrean a thoirt dhan leabharlann iondail againn gach seachdain agus ar brosnachadh gus a bhith a’ leughadh.  Tha cuimhne agam air na leasanan a thug m’ athair dhomh, b’ àbhaist e faclan fada a bhristeadh gus an urrainn dhomh an leughadh. Croc-o-dile, cha chuireadh e an uiread de dh’eagal orm nuair a bha a làmhan mòra treun gan geàrradh.  Thug e seachad ùine còmhla rium gus an urrainn dhomh m’ ainm (a tha fada) a sgrìobhadh mus deach mi dhan sgoil.

Ach ’s ann airson an fheadhainn aig nach robh pàrantan taiceil a tha an gniomhachas oidhche nan leabhraichean.  Thathar a’ toirt leabhraichean san coimhearsnachdan mar dha prìosanaich.  An-uiridh sgaoil iad seachd mìle leabhraichean agus am bliadhna thathar an dùil 70,000 leabhraichean a thoirt do phrìosanaich.  B’ e ‘The Curious Incident of the Dog in the Night-Time’ le Mark Haddon an leabhar bho 2003 a thaghadh a’ mhòr chuid dhiubh.  ’S e leabhar a th’ ann a tha tarraingeach do dh’inibheach agus do chlann a tha air an sgrìobhadh bho shealladh bhalach le Aspergers.  Anns na prìosanan bha dlùth- faireachdainn air an cruthachadh eadar soighlearan agus prìosanaich air sàileaibh ’s gun deach iad uile air an slighe còmhla.  Airson a’ chiad turas bha eòlas eadarra.

Sa mhadainn-sa, chuir mi crìoch air leabhar le Alexander Masters ‘Stuart; a life backwards’ a bha a’ toirt dhomh sùil a-steach do bheatha gu tùr eadar-dhealtaichte bhuam fhèin.  Fear a bha sa phrìosan iomadh uair na bheatha chruaidh.  Cha robh comasan litrichidh aige 'don't you ever even look at a book?' ach às dèidh a bhàs chaidh leabhar tarraingeach soirbheachdail a sgrìobhadh ma dheidhinn.

Cò nach biodh airson blas fhaighinn de shaoghal duine eile; a dhol air sgrìob gu Lilliput no a bhith a’ faireachdainn gaol no pian cho làidir, no a bhith a’ gàireachdainn gus an tig na deòir.  (an do leugh sibh ‘When god was a rabbit’? bha na deòir a’ sruthadh fom shùilean bha e cho èibhinn!)


Dè rinn mise a-nochd? chaidh mise gu taisbeanadh le Alison Lang, an sgrìobhaiche as fheàrr leam anns a’ Ghàidhlig agus dh’èist mi rithe a’ bruidhinn mun leabhar ùr aice ‘San dùthaich ùir.’  Mur nach do leugh sibh ‘Cainnt nan caileagan caillte’ tha sibhse air tòrr a chaill!  Sgrìobhadh cruthachail, ealanta aice air iomadh chuspair deatamach nach fhaicear a-riamh tro mheadhann na Gàidhlig.

Sunday, 15 April 2012

Dìleab na Luinge

“True heroism is remarkably sober, very undramatic. It is not the urge to surpass all others at whatever cost, but the urge to serve others at whatever cost."
— Arthur Ashe, American tennis champion (1943-1993).
Thathar a’ comharrachadh ceud bliadhna on a chaidh an long mhòr an Titanic fodha anns a’ Chuan Mhòr ann an 1912.  Fad ginealaichean tha mìltean de dhaoine air a bhith air am beò glachadh leis an tachartas mòr tàmailteach a bha sin.  Thog e m’ inntinn-sa nuair a bha mi fhèin nam dheugair nuair a thàinig am fiolm ainmeil le Leonardo DiCaprio a-mach.  Cha b’ e mi fhìn nam aonar a chunnaic e ochd turas san taigh-dealbh.  Ged a chosg e dà mhillion not, gu ruige 2010 bha Titanic am fiolm a thog an uidhir as motha de dh’airgead a-riamh; barrachd na dà bhillion.

Tha fairdeachdainn fhathast làidir airson tachartas a thachair os chionn ceud bliadhna, ann an linn eadar-dhealaichte, linn nan Eidardach.  Aig àm mus do chuir a’ chiad chogaidh mhòr buaidh air an t-sluaigh, àm nuair nach robh guth-taghaidh aig a’ mhòr chuid agus nuair a bha luach am beatha a’ crochadadh air dè seòrsa tiocaid a bha nan làimhe.

Tha fios againn uile air an riaghailt 'boirreannaich agus clann an toiseachd' ach mar a thachair e, 's iad a chaidh an sàbhladh a-mhàin.  A dh’ aindeoin sin chaill 52 clann agus 89 boirreanaich den treasamh buidheann nam beatha, agus dìreach aon nighean as a’ chiad bhuidheann agus ceithir boirreanaich.   Ach bha cùisean gu tùr na bu dhubhaiche do fir.  Chaill 118 fir às a’ chiad bhuidheann am beatha, ach 387 às an treasamh bhuidheann.  Tha na figearan ag innse dhuinn a dh’ aindeoin na riaghltean, mar a bu bheartaiche a bha thu, b’ ann na b' fheàrr a bha na cothroman agad fhaighinn air bàta-sàbhlaidh.  Bha e na b’ fhèarr do bhoirreanaich anns a’ chriù, bha 23 boirreanaich ag obair air Titanic agus bha fichead dhuibh air an sàbhladh.  Ach airson an sgioba uile gu lèir- a-mach à 885 anns a’ chriù, cha do thill ach 214.  Chaidh a’ mhòr chuid aca sìos leis an long.  Bha iad uile reòdhte sa mhuir agus dh’fhalbh iad leis a’ mheilichis.
Ach cha do stad an sgaradh an sin.  Chuir an White Star Line ceithir bàtaichean a-mach bho Chanada gus corpan a lorg, ach cha do bhalmaich iad ach an fheadhainn às a’ chiad bhuidheann a-mhàin, thiodhlaic iad an fheadhainn eile sa mhuir fhèin.  Thuirtar gu robh barrachd feum air corpan fhaighinn den fheadhainn a bha sa chiad bhuidheann gus òrdugh a chumail air an tighearnas aca.  Agus nuair a chaidh sgrùdadh a dhèanamh air an tachartas ann an lunainn leis a’ Mhorar Mersey, cha do dh’èist iad ach ri triùir luchd-siubhal, triùir às a’ chiad bhuidheann.  Leis a sin, ’s beag an dùil gu robhar den bheachd nach cuirear bacadh air muinntir às an treasamh buidheann fhaighinn a-mach às a’ bhàta gu sàbhailte.. 
Ach a-mach às an dorchadas, thathar a’ faighinn sgeulachdan mhìorbhaileachd iongantach mu spiorad an daoine.  Tha sgeul ainmeil mun a’ chomhlan-ciùil a chùm a’ dol a chluich nuair a bhathar a' lìonadh nam bàtaichean-sàbhlaidh.  Is iad nam martarachdan, a’ cumail a’ dol gun a bhith a’ smaoineachadh orra fhèin.  Mar a bha Father Thomas B. Byles, dhùilt e àite air bàta-sàbhlaidh agus chùm e air a’ searmanachadh do dhaoine sam bith a chluinneadh ris – Caitligeach, Pròsdanaich agus Ìudhaich nam measg, a’ toirt maitheanas, agus sìth dhaibh uile chun a’ mhionaid mu dheireadh.
Agus tha sgeulachd iongantach a tha a’ buintinn ris a’ bhaile mhòr Ghlaschu.  Rugadh John Harper ann an 1872 ann an Houston, Renfrewshire.  Tha e air a shlighe a dhèanamh gu Chicago gus searmanachadh anns an eagalis Moody.  Thathar air a’ ràdh gun d’thug e a nighean Nina Harper agus nighean a phiuthar Jessie Leitch ann am bàta-sàbhlaidh agus chuir e a chùl riutha. Aig deireadh a latha bha e airson obair Dhè a dhèanamh.  Nuair a bha e sa mhuir, dh’fhaighneachd e do dhaoine – "a bheil Iosd nad chridhe?"  Fhreagair aon fhear nach robh agus thug Harper an seachaid-sàbhlaidh aige dha.  Thuirt e gu robh barrachd feum aige air.  Tha fios againn air a sin oir bha an duine a fhuair seachaid Harper fear de na sheachdar de dhaoine a thog a’ choigeamh Oifigear Harold Howe a-mach às a’ mhuir.  B' esan os cionn an aon bhàta a chaidh air ais gus daoine a shàbhladh.

Agus dè a tha dìleab na luinge?  Dh’ ionnsaich an t-saoghal leasanan teannasach bho Titanic.  Ged a bha mu 2,200 muinntir air a’ bhàta, cha robh àite anns an fhichead bàtaichean-sàbhlaidh ach airson mìle daoine.  Às dèidh an Titanic thàinig riaghltean ùra gu buil ann an 1914 ag ràdh gun fheumadh àiteachan gu leòr a bhith ann airson a h-uile.  Is sin cho bunaiteach is a ghabhas.  Bhon uair sin fheumadh comas-conaltraidh a bhith ann fad an latha agus fad na h-oidhche, on a chaidh fear-contaltraidh air S.S Californian dha leabaidh dìreach deich mionaidean mus do bhuil Titanic a’ bheinn-dheighe.  Ged a thog an Titanic mu dheich rocaidean san adhar agus chunnaic muinntir an S.S Californian ochd dhiubh, cha do thuig iad gur ann ann an èiginn a bha an Titanic.  A-nis ’s e rocaidean dearga a cleachar airson fios a thoirt seachad gu bheileir ann an staing. 

Leis a sin, feumaidh gu bheil e nas sàbhailte a bhith aig muir an-diugh, ach leis mar a chaidh an Costa Concordia fodha (no fiù’s gu aon taobh) aig toiseach a’ bhliadhna, nuair a chaill barrachd na trichead daoine nam beatha, chan eil cho rèidh sa bhiodhar an dùil.  Ach dè chaill mac an daoine anns na bliadhnaichean bhon a chaidh an Titanic fodha?  A-rèir luchd-siubhail air an Concordia cha robh smachd ann, bhathar a’ bualadh a chèile gus fhaighinn air fear de na bàtaichean-sàbhlaidh a bha ann am paillteas, ach air sàileibh ’s gu robh an long gu mòr gu aon taobh, cha robh leth chuid dhiubh gu feum.  Ged cho glic ’s a tha na h-innealan a th’ againn, ged a ghabh sinn ceum air a’ ghealaich, agus gun as urrainn dhuinn mac-samhlachadh a dhèanamh air an nàdar againn fhìn, nuair a thig e gu bhith aig muir, cha deach leasachadh a dhèanamh air dealabhadh nam bàtaichean-sàbhalidh.

Tha Titanic a' toirt nar cuimhne nach eil e gu dìofar de seòrsa smachd a th' aig mac an duine air an t-saoghal, gu b’ e dè seòrsa cuachd a chruthas sinn, gu b' e na h-innealan glic a thogas daoine.. tha cuamhachdan nas treasa ann a ghabhas làmh an uachdar.

Monday, 12 March 2012

Alexander McCall Smith

Uill, cò chunnaic mi a-nochd aig an Fhèis Leabhraichean Glaschu ‘Aye Write’ ach as sgrìobhaiche as fheàrr leam; Alexander McCall Smith.  Cha mhòr nach eil mi air gach leabhar aige a leughadh, ach an fheadhainn mun leigheas, oir ged a ’s e sgrìobhadair as ainmeil a th’ againn ann an Alba a th' ann an AMS, bha e na fear-leigheas na b’ òige.  Fear uasal, èibhinn geur a th’ ann, cha mhòr nach robh esan a’ gàireachdainn fad na h-ùine.      

A bheil sibh air na leabhraichean aige a leughadh idir? Mur nach eil, mholainn-sa gu mòr iad.   Bidh mi fhèin agus m’ athair gan leughadh, agus chan ann tric a gheibhear leabhar a chuireadh gàire aig fear thar trì fichead agus tè sna ficheadan.  Tha AMS aig an aon aois ’s a tha m’ athair.  Tha sin dìreach aon de na rudan annasach a dh’ionnsaich mi ma dheidhinn a-nochd.  Bidh e a’ sgrìobhadh sia leabhraichean gach bliadhna (sia!), smaoinich air sin, feumaidh gu bheil e ag obair fad na h-ùine.  Tha barrachd na trithead leabhraichean aige sna trì sreathtan as motha aige; Scotland Street, Mna Ramotswe agus Isabeal Dalhousie, ach tha tòrr a bharrachd aige anns na streathan beaga eile.  B’ ann mu dheidhinn Scotland Street a bha e a’ bruidhinn a-nochd ged-thà, cha robh e an dùil sin a dhèanamh ach ’s ann mar sin a thachair e, oir is iad an fheadhainn as ainmeile.
           Dh’innis e dhuinn iomadh sgeulachd èibhinn mu na litrichean neònach a fhuaireadh e bhon luchd-leughaidh aige.   Nuair a chaidh Cyrill a’ chù aig Angus Lordie a ghoid fhuair e litririchean a bha a’ faighneachd às a dhèidh; an robh e a’ faighinn biadh agus uisge gu leòr? an robh e glaiste am broinn taighe no a-mach air udalan.  Bha AMS ag aideachadh gu robh cumhachd aige mar sheòrsa de dhia; b’ urrainn dha beatha nan caractaran aige atharrachadh, mar as urrainn do sgrìobhadaire sam bith ach abair luchd-leantainn oscarach a th’ aige.

      Ged as ann à Dùn Èideann a tha Scotland Street and Isabeal Dalhousie stèichte, tha iad a-nis rim faighinn ann an trithead cànain eile- Latvian agus Norweigan na leithid.  Mar sin tha e a’ toirt cùltar na h-Alba fad is farsuing mun t-saoghal.  Ach ged as e Albannach a th’ ann an AMS, cha chreideadh tu sin nuair a bhios tu ag èisteach ris - abair blas làdair Sassanach a th’ aige!  Rugadh agus thogadh e ann an Zimbabwe agus ’s e sin a thug orm cèist a fhaighneachd aig an deireadh; “Ann an oirbh fhèin a tha an charactar Bertie stèichte?  An robh ur màthair-sa cho cruaidh sin oirbh?”

     "Chan e idir agus cha robh, gu fortunach" thuirt e, "ach nach eil sinn uile, ann an dòidh mar Bhertie? tha sinn uile a' sireadh rudeigin a tha a dhith oirnn nar beatha."