Showing posts with label Alexander McCall Smith Aye Write. Show all posts
Showing posts with label Alexander McCall Smith Aye Write. Show all posts

Monday, 12 March 2012

Alexander McCall Smith

Uill, cò chunnaic mi a-nochd aig an Fhèis Leabhraichean Glaschu ‘Aye Write’ ach as sgrìobhaiche as fheàrr leam; Alexander McCall Smith.  Cha mhòr nach eil mi air gach leabhar aige a leughadh, ach an fheadhainn mun leigheas, oir ged a ’s e sgrìobhadair as ainmeil a th’ againn ann an Alba a th' ann an AMS, bha e na fear-leigheas na b’ òige.  Fear uasal, èibhinn geur a th’ ann, cha mhòr nach robh esan a’ gàireachdainn fad na h-ùine.      

A bheil sibh air na leabhraichean aige a leughadh idir? Mur nach eil, mholainn-sa gu mòr iad.   Bidh mi fhèin agus m’ athair gan leughadh, agus chan ann tric a gheibhear leabhar a chuireadh gàire aig fear thar trì fichead agus tè sna ficheadan.  Tha AMS aig an aon aois ’s a tha m’ athair.  Tha sin dìreach aon de na rudan annasach a dh’ionnsaich mi ma dheidhinn a-nochd.  Bidh e a’ sgrìobhadh sia leabhraichean gach bliadhna (sia!), smaoinich air sin, feumaidh gu bheil e ag obair fad na h-ùine.  Tha barrachd na trithead leabhraichean aige sna trì sreathtan as motha aige; Scotland Street, Mna Ramotswe agus Isabeal Dalhousie, ach tha tòrr a bharrachd aige anns na streathan beaga eile.  B’ ann mu dheidhinn Scotland Street a bha e a’ bruidhinn a-nochd ged-thà, cha robh e an dùil sin a dhèanamh ach ’s ann mar sin a thachair e, oir is iad an fheadhainn as ainmeile.
           Dh’innis e dhuinn iomadh sgeulachd èibhinn mu na litrichean neònach a fhuaireadh e bhon luchd-leughaidh aige.   Nuair a chaidh Cyrill a’ chù aig Angus Lordie a ghoid fhuair e litririchean a bha a’ faighneachd às a dhèidh; an robh e a’ faighinn biadh agus uisge gu leòr? an robh e glaiste am broinn taighe no a-mach air udalan.  Bha AMS ag aideachadh gu robh cumhachd aige mar sheòrsa de dhia; b’ urrainn dha beatha nan caractaran aige atharrachadh, mar as urrainn do sgrìobhadaire sam bith ach abair luchd-leantainn oscarach a th’ aige.

      Ged as ann à Dùn Èideann a tha Scotland Street and Isabeal Dalhousie stèichte, tha iad a-nis rim faighinn ann an trithead cànain eile- Latvian agus Norweigan na leithid.  Mar sin tha e a’ toirt cùltar na h-Alba fad is farsuing mun t-saoghal.  Ach ged as e Albannach a th’ ann an AMS, cha chreideadh tu sin nuair a bhios tu ag èisteach ris - abair blas làdair Sassanach a th’ aige!  Rugadh agus thogadh e ann an Zimbabwe agus ’s e sin a thug orm cèist a fhaighneachd aig an deireadh; “Ann an oirbh fhèin a tha an charactar Bertie stèichte?  An robh ur màthair-sa cho cruaidh sin oirbh?”

     "Chan e idir agus cha robh, gu fortunach" thuirt e, "ach nach eil sinn uile, ann an dòidh mar Bhertie? tha sinn uile a' sireadh rudeigin a tha a dhith oirnn nar beatha."