A-rèir figearan sianal a ceithir, tha barrachd na millean
ann am Breatainn aig a bheil Hoarding Disorder.
Mar aon a-mach à gach còig
ann an Alba. Tha mi daonnan air a bhith den bheachd gu bheil an
àireannach mu thimicheall ort na dealbh de na tha dol taobh a-staigh an
eanachainn agad. Mar sin ‘s beag an
t-iongadh gu bheil haorders, mar as àbhaist a’ fulang fo dhuilgheadasan inntinn
eile.
’S tinneas dha-rìribh a th’ ann a thigeas an àird nuair nach
eiler a’ dèiligeadh le na faireachdainn a th’ aca. Mar as àbhaist thathar aonarachd, ach airson
an fheadhainn aig a bheil clann, b’ urrainnear an caill ma tha an taigh ann an
staing ro chunnartach. Tha an
àrainneachd aca gun fheum mar taigh- chan urrainear biadh a chòicearachd agus
ma tha cho duilich sin, b’ urrainn gun tèid a mharbhadh san sgudal.
Ach chan e rud ùr a th’ ann an Hoarding. Smaoinich air beathaichean a chruinneachas
biadh thar a’ gheamraidh agus an robh fhios agaibh gu robh Hoarding Disorder
aig sìobhaltas nan Ròmanaich. Mus do
‘thuit’ Roma, chùmar buillion am falach.
(Cuimhnich nuair a rèic Gordon Brown an òr – uill ’s dòcha gu robh e
eòlach air sgrìbhinn Tacitus agus nach robh còir againn gearain!) Ach tha dìofar mòr eadar a bhith a’
cruinneachadh stuth a thig gu feum agus a bhith a’ cumail rudan a tha gu tùr
gun fheum.
Agus ma tha tuilleadh ’s a chòir agaibh feumaidh tu ràdh
ruibh fhèin; A bheil e gu feum? Cuin a
chleachd mi e mu dheireadh e? Agus mur
nach eil e feumail tilg air falbh e! Bidh
mi a’ sadail a-amach aodach a th’ agam fad na h-ùine ach seachd gur ann anns na
bùithean-caithrinis a bhithinn gan ceannach tha mi an dùil gu bheil nas fhasa
dhomh. Ach a-rèir coltais, a nigheanan,
tha ceithir pìosan aodaich againn uile sa phreas nach robh oirnn a-riamh..
No comments:
Post a Comment