Uill, cò chunnaic mi a-nochd aig an Fhèis Leabhraichean Glaschu ‘Aye Write’ ach as sgrìobhaiche as fheàrr leam; Alexander McCall Smith. Cha mhòr nach eil mi air gach leabhar aige a leughadh, ach an fheadhainn mun leigheas, oir ged a ’s e sgrìobhadair as ainmeil a th’ againn ann an Alba a th' ann an AMS, bha e na fear-leigheas na b’ òige. Fear uasal, èibhinn geur a th’ ann, cha mhòr nach robh esan a’ gàireachdainn fad na h-ùine. A bheil sibh air na leabhraichean aige a leughadh idir?
Dh’innis e dhuinn iomadh sgeulachd èibhinn mu na litrichean neònach a fhuaireadh e bhon luchd-leughaidh aige. Nuair a chaidh Cyrill a’ chù aig Angus Lordie a ghoid fhuair e litririchean a bha a’ faighneachd às a dhèidh; an robh e a’ faighinn biadh agus uisge gu leòr? an robh e glaiste am broinn taighe no a-mach air udalan. Bha AMS ag aideachadh gu robh cumhachd aige mar sheòrsa de dhia; b’ urrainn dha beatha nan caractaran aige atharrachadh, mar as urrainn do sgrìobhadaire sam bith ach abair luchd-leantainn oscarach a th’ aige.Ged as ann à Dùn Èideann a tha
"Chan e idir agus cha robh, gu fortunach" thuirt e, "ach nach eil sinn uile, ann an dòidh mar Bhertie? tha sinn uile a' sireadh rudeigin a tha a dhith oirnn nar beatha."