“True heroism is
remarkably sober, very undramatic. It is not the urge to surpass all others at
whatever cost, but the urge to serve others at whatever cost."
— Arthur Ashe,
American tennis champion (1943-1993).

Thathar a’ comharrachadh ceud bliadhna on a chaidh an long
mhòr an Titanic fodha anns a’ Chuan Mhòr ann an 1912. Fad ginealaichean
tha mìltean de dhaoine air a bhith air am beò glachadh leis an tachartas mòr
tàmailteach a bha sin. Thog e m’ inntinn-sa nuair a bha mi fhèin nam
dheugair nuair a thàinig am fiolm ainmeil le Leonardo DiCaprio a-mach. Cha
b’ e mi fhìn nam aonar a chunnaic e ochd turas san taigh-dealbh. Ged a
chosg e dà mhillion not, gu ruige 2010 bha Titanic am fiolm a thog an uidhir as
motha de dh’airgead a-riamh; barrachd na dà bhillion.

Tha fairdeachdainn fhathast làidir airson tachartas a
thachair os chionn ceud bliadhna, ann an linn eadar-dhealaichte, linn nan
Eidardach. Aig àm mus do chuir a’ chiad chogaidh
mhòr buaidh air an t-sluaigh, àm nuair nach robh guth-taghaidh
aig a’ mhòr chuid agus nuair a bha luach am beatha a’ crochadadh air dè seòrsa
tiocaid a bha nan làimhe.
Tha fios againn uile air an riaghailt 'boirreannaich agus
clann an toiseachd' ach mar a thachair e, 's iad a chaidh an
sàbhladh a-mhàin. A dh’ aindeoin sin chaill 52 clann agus 89
boirreanaich den treasamh buidheann nam beatha, agus dìreach aon nighean as a’
chiad bhuidheann agus ceithir boirreanaich. Ach bha cùisean gu tùr
na bu dhubhaiche do fir. Chaill 118 fir às a’ chiad bhuidheann am beatha,
ach 387 às an treasamh bhuidheann. Tha na figearan ag innse dhuinn a dh’
aindeoin na riaghltean, mar a bu bheartaiche a bha thu, b’ ann na b' fheàrr a
bha na cothroman agad fhaighinn air bàta-sàbhlaidh. Bha e na b’ fhèarr do
bhoirreanaich anns a’ chriù, bha 23 boirreanaich ag obair air Titanic agus bha
fichead dhuibh air an sàbhladh. Ach airson an sgioba uile gu lèir- a-mach
à 885 anns a’ chriù, cha do thill ach 214. Chaidh a’ mhòr chuid aca sìos
leis an long. Bha iad uile reòdhte sa mhuir agus dh’fhalbh iad leis a’
mheilichis.

Ach cha do stad an sgaradh an sin. Chuir an White Star
Line ceithir bàtaichean a-mach bho Chanada gus corpan a lorg, ach cha do
bhalmaich iad ach an fheadhainn às a’ chiad bhuidheann a-mhàin, thiodhlaic iad
an fheadhainn eile sa mhuir fhèin. Thuirtar gu robh barrachd feum air
corpan fhaighinn den fheadhainn a bha sa chiad bhuidheann gus òrdugh a chumail
air an tighearnas aca. Agus nuair a chaidh sgrùdadh a dhèanamh air an
tachartas ann an lunainn leis a’ Mhorar Mersey, cha do dh’èist iad ach ri triùir
luchd-siubhal, triùir às a’ chiad bhuidheann. Leis a sin, ’s beag an dùil
gu robhar den bheachd nach cuirear bacadh air muinntir às an treasamh buidheann
fhaighinn a-mach às a’ bhàta gu sàbhailte..
Ach a-mach às an dorchadas, thathar a’ faighinn sgeulachdan
mhìorbhaileachd iongantach mu spiorad an daoine. Tha sgeul ainmeil mun a’
chomhlan-ciùil a chùm a’ dol a chluich nuair a bhathar a' lìonadh nam
bàtaichean-sàbhlaidh. Is iad nam martarachdan, a’ cumail a’
dol gun a bhith a’ smaoineachadh orra fhèin. Mar a bha Father Thomas
B. Byles, dhùilt e àite air bàta-sàbhlaidh agus chùm e air a’
searmanachadh do dhaoine sam bith a chluinneadh ris – Caitligeach, Pròsdanaich
agus Ìudhaich nam measg, a’ toirt maitheanas, agus sìth dhaibh uile chun
a’ mhionaid mu dheireadh.
Agus tha sgeulachd iongantach a tha a’ buintinn ris a’
bhaile mhòr Ghlaschu. Rugadh John Harper ann an 1872 ann an Houston,
Renfrewshire. Tha e air a shlighe a dhèanamh gu Chicago gus searmanachadh
anns an eagalis Moody. Thathar air a’ ràdh gun d’thug e a nighean Nina
Harper agus nighean a phiuthar Jessie Leitch ann am bàta-sàbhlaidh agus chuir e
a chùl riutha. Aig deireadh a latha bha e airson obair Dhè a
dhèanamh. Nuair a bha e sa mhuir, dh’fhaighneachd e do dhaoine – "a
bheil Iosd nad chridhe?" Fhreagair aon fhear nach robh agus thug
Harper an seachaid-sàbhlaidh aige dha. Thuirt e gu robh barrachd feum
aige air. Tha fios againn air a sin oir bha an duine a fhuair seachaid
Harper fear de na sheachdar de dhaoine a thog a’ choigeamh Oifigear Harold Howe
a-mach às a’ mhuir. B' esan os cionn an aon bhàta a chaidh air ais
gus daoine a shàbhladh.
Agus dè a
tha dìleab na luinge? Dh’ ionnsaich an t-saoghal leasanan
teannasach bho Titanic. Ged a bha mu 2,200 muinntir air a’ bhàta, cha
robh àite anns an fhichead bàtaichean-sàbhlaidh ach airson mìle daoine. Às
dèidh an Titanic thàinig riaghltean ùra gu buil ann an 1914 ag ràdh gun
fheumadh àiteachan gu leòr a bhith ann airson a h-uile. Is sin cho
bunaiteach is a ghabhas. Bhon uair sin fheumadh comas-conaltraidh a bhith
ann fad an latha agus fad na h-oidhche, on a chaidh fear-contaltraidh air S.S
Californian dha leabaidh dìreach deich mionaidean mus do bhuil Titanic a’
bheinn-dheighe. Ged a thog an Titanic mu dheich rocaidean san adhar agus
chunnaic muinntir an S.S Californian ochd dhiubh, cha do thuig iad gur ann ann
an èiginn a bha an Titanic. A-nis ’s e rocaidean dearga a cleachar airson
fios a thoirt seachad gu bheileir ann an staing.
Leis a sin, feumaidh gu bheil e nas sàbhailte a bhith aig
muir an-diugh, ach leis mar a chaidh an Costa Concordia fodha (no fiù’s gu aon
taobh) aig toiseach a’ bhliadhna, nuair a chaill barrachd na trichead daoine
nam beatha, chan eil cho rèidh sa bhiodhar an dùil. Ach dè chaill mac an
daoine anns na bliadhnaichean bhon a chaidh an Titanic fodha? A-rèir
luchd-siubhail air an Concordia cha robh smachd ann, bhathar a’ bualadh a
chèile gus fhaighinn air fear de na bàtaichean-sàbhlaidh a bha ann am
paillteas, ach air sàileibh ’s gu robh an long gu mòr gu aon taobh, cha robh
leth chuid dhiubh gu feum. Ged cho glic ’s a tha na h-innealan a th’
againn, ged a ghabh sinn ceum air a’ ghealaich, agus gun as urrainn dhuinn
mac-samhlachadh a dhèanamh air an nàdar againn fhìn, nuair a thig e gu bhith
aig muir, cha deach leasachadh a dhèanamh air dealabhadh nam
bàtaichean-sàbhalidh.
Tha Titanic a' toirt nar cuimhne nach eil e gu dìofar de
seòrsa smachd a th' aig mac an duine air an t-saoghal, gu b’ e dè seòrsa cuachd
a chruthas sinn, gu b' e na h-innealan glic a thogas daoine.. tha cuamhachdan
nas treasa ann a ghabhas làmh an uachdar.